Salm 127
127
Laoidh nan ceum, le Solamh.
1Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.
2Is dìomhain dhuibhse a bhith ag èirigh gu moch, a bhith a’ suidhe gu h‑anmoch, ag ithe aran a’ bhròin, nuair a bheir esan cadal do fhear a’ ghràidh.
3Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais.
4Mar shaighdean ann an làimh gaisgich, mar sin tha mic na h‑òige.
5Is sona am fear aig a bheil a bhalg-saighead làn dhiubh; cha bhi nàire orra nuair a labhras iad rin naimhdean anns a’ gheata.
Currently Selected:
Salm 127: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017