Salm 122
122
Laoidh nan ceum, le Daibhidh.
1Bha aoibhneas orm nuair a thubhairt iad rium, Do thaigh an Tighearna thèid sinn.
2Seasaidh ar casan an taobh a‑staigh ded gheatachan, O Ierusaleim.
3Tha Ierusalem air a togail mar àrd-bhaile a tha air a choicheangal ri chèile,
4Don tèid na treubhan suas, treubhan an Tighearna, gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna.
5Oir an sin tha cathraichean breitheanais air an suidheachadh, cathraichean taigh Dhaibhidh.
6Guidhibh-se airson sìth Ierusaleim; soirbhichidh iadsan leis an ionmhainn thu.
7Sìth gu robh an taobh a‑staigh ded bhallachan, suaimhneas ad lùchairtean!
8Air sgàth mo bhràithrean agus mo chàirdean their mi a‑nis, Sìth gu robh an taobh a‑staigh dhìot!
9Air sgàth taigh an Tighearna ar Dia, iarraidh mi math dhuibh.
Currently Selected:
Salm 122: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017