Salm 123
123
Laoidh nan ceum.
1Ad ionnsaigh thog mi mo shùilean, O thusa a tha ad chòmhnaidh anns na nèamhan.
2Feuch, mar a tha sùilean òglach air làimh am maighistirean, agus mar a tha sùilean banoglaich air làimh a bana-mhaighistir, mar sin tha ar sùilean-ne air an Tighearna ar Dia, gus an dèan e tròcair oirnn.
3Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, dèan tròcair oirnn, oir tha sinn air ar lìonadh làn de tharcais.
4Lìonadh ar n‑anam làn le fanaid luchd na seasgaireachd, le tarcais nan uaibhreach.
Currently Selected:
Salm 123: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017