YouVersion Logo
Search Icon

Salm 121

121
Laoidh nan ceum.
1Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair.
2Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
3Cha leig e led chois sleamhnachadh; cha tuit clò cadail air d’fhear-coimhead.
4Feuch, cha tuit clò cadail no suain air fear-coimhead Israeil.
5Is e an Tighearna d’fhear-coimhead; is e an Tighearna do sgàil air do làimh dheis.
6Anns an là cha bhuail a’ ghrian thu, no a’ ghealach anns an oidhche.
7Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam.
8Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.

Currently Selected:

Salm 121: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in