YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 8

8
1Nach eil gliocas ag èigheachd? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha?
2Air mullach nan àitean àrda, làimh ris an t‑slighe, ann am meadhon nan rathad tha i na seasamh.
3Làimh ris na geatachan, aig dol a‑staigh a’ bhaile, far an tigear a‑steach air na dorsan tha i ag èigheach:
4Ribhse, O fheara, tha mi ag èigheach; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine.
5A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh nur cridhe.
6Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta.
7Oir labhraidh mo bheul fìrinn; agus is gràinealachd aingidheachd dom bhilean.
8Ann an ceartas tha uile bhriathran mo bheòil; anntasan chan eil nì air bith olc no fiar.
9Tha iad uile soilleir dhàsan a thuigeas, agus ceart dhaibhsan a gheibh eòlas.
10Gabhaibh mo theagasg, agus chan e airgead, agus eòlas thar an òir thaghte.
11Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe.
12Tha mise, gliocas, am chòmhnaidh maille ri cèill, agus tha mi a’ faghail a‑mach eòlais air nithean innleachdach.
13Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.
14Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart;
15Leamsa rìoghaichidh rìghrean, agus òrdaichidh uachdarain ceartas;
16Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn.
17Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
18Tha beartas agus urram maille riumsa; saoibhreas maireannach agus fìreantachd.
19Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd-a‑staigh na airgead taghte.
20Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;
21A‑chum gun toir mi orrasan len ionmhainn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan.
22Bha mise aig an Tighearna ann an toiseach a shlighe, ro a obraichean o shean.
23O shìorraidheachd chuireadh suas mi, on toiseach, mun robh an talamh ann.
24Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan.
25Mun do shuidhicheadh na beanntan; ro na cnocan ghineadh mise.
26Mun do rinn e fhathast an talamh, no na machraichean, no a’ chuid as àirde de dhuslach an domhain.
27Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne;
28Nuair a dhaingnich e an t‑adhar shuas; nuair a neartaich e tobraichean na doimhne;
29Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;
30An sin bha mise aige mar neach a dh’altramadh maille ris; agus bu mhi a thlachd gach là, a’ dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh;
31A’ dèanamh gàirdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.
32A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shlighean.
33Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus na diùltaibh e.
34Is beannaichte an duine a dh’èisdeas rium, a’ dèanamh faire aig mo gheatachan gach là, a’ feitheamh aig ursainnean mo dhorsan.
35Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.
36Ach esan a pheacaicheas am aghaidh-sa, nì e cron da anam fhèin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 8: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in