Gnàth-fhacal 7
7
1A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut.
2Glèidh m’àitheantan, agus bi beò; agus mo lagh mar dhubhagan do shùl.
3Ceangail iad air do mheòir; sgrìobh iad air clàr do chridhe.
4Abair ri gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhanacharaid de thuigse:
5A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan-choigrich a nì miodal le a briathran.
6Oir aig uinneig mo thaighe dh’amhairc mi tro mo chlèith,
7Agus sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fa‑near am measg nan òganach, òigfhear gun chèill,
8A’ dol seachad air an t‑sràid fagas da h‑oisinn, agus ghabh e an t‑slighe a‑chum a taighe,
9Anns an dùbhradh anns an fheasgar, anns an oidhche dhuibh dhorcha:
10Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.
11(Tha i àrd-ghuthach agus ceann-làidir; chan fhan a casan na taigh.
12A‑nis tha i a‑mach, a‑nis anns na sràidean, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn.)
13Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris,
14Tha tabhartasan-sìth agam; an‑diugh dh’ìoc mi mo bhòidean:
15Uime sin thàinig mi a‑mach ad choinneamh, a dh’iarraidh d’aghaidh gu dìcheallach, agus fhuair mi thu.
16Le còmhdaichean grinne sgeadaich mi mo leabaidh, le obraichean geàrrte, le lìon-aodach mìn on Eiphit.
17Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal.
18Thig, gabhamaid ar sàth de ghaol gu madainn; dèanamaid co‑ghàirdeachas ann an gaol:
19Oir chan eil fear an taighe aig baile; chaidh e air turas fada:
20Sporan airgid thug e leis; air an là shuidhichte thig e dhachaigh.
21Le mòran de a cainnt mhilis thug i air aontachadh; le miodal a bilean cho-èignich i e.
22Tha e a’ dol na dèidh gun dàil, mar a thèid an damh a‑chum a chasgraidh, no an t‑amadan a‑chum peanas a’ chip;
23Gus an tèid saighead tro a àinean, mar a ghreasas eun don ribe, gun fhios aige gur ann a‑chum a bhàis a tha e.
24A‑nis uime sin èisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathran mo bheòil:
25Na claonadh do chridhe a‑chum a slighean, na rach air seachran na ceuman.
26Oir lot agus leag i sìos mòran; seadh, chaidh mòran de dhaoine treuna a mharbhadh leatha.
27Is e a taigh an t‑slighe gu ifrinn, a’ dol sìos gu seòmraichean a’ bhàis.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 7: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017