Gnàth-fhacal 9
9
1Thog gliocas a taigh; gheàrr i a‑mach a seachd puist:
2Mharbh i a feòil; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd:
3Chuir i a‑mach a h‑òighean; tha i a’ gairm air na h‑àitean as àirde den bhaile:
4Ge bè a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo: riùsan a tha a dhìth tuigse tha i ag ràdh,
5Thigibh, ithibh dem aran-sa, agus òlaibh den fhìon a mheasg mi.
6Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.
7Esan a bheir achmhasan do fhear-fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal.
8Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.
9Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.
10Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse.
11Oir leamsa nìthear do làithean lìonmhor, agus cuirear ri bliadhnachan do bheatha.
12Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.
13Tha bean amaideach àrd-ghuthach, baoghalta, agus chan aithne dhi nì air bith:
14Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile,
15A ghairm orrasan a bhios a’ dol seachad air an t‑slighe, a’ gabhail dìreach romhpa:
16Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris-san a tha a dhìth tuigse their i,
17Tha na h‑uisgeachan a ghoidear milis, agus an t‑aran a dh’ithear ann an uaigneas taitneach.
18Ach chan eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin; ann an doimhneachdan ifrinn gu bheil a h‑aoighean.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 9: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017