Gnàth-fhacal 6
6
1A mhic, ma tha thu an urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile,
2Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil.
3Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid.
4Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan.
5Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair.
6Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic:
7Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh,
8A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh.
9Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
10Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal.
11An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
12Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda.
13Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.
14Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit:
15Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas.
16Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
17Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;
18Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc;
19Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.
20A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:
21Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
24A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich.
25Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan.
26Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.
27An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh?
28An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh?
29Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.
30Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach:
31Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.
32Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.
33Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as.
34Oir is e an t‑eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais.
35Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 6: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017