Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;
Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc;
Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.