Gnàth-fhacal 15
15
1Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.
2Cuiridh teanga nan daoine glice an cèill eòlas gu ceart; ach dòirtidh beul nan amadan a‑mach amaideachd.
3Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.
4Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.
5Nì amadan tàir air teagasg a athar; ach is ciallach an tì a bheir an aire do achmhasan.
6Ann an taigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd-a‑steach an aingidh tha buaireas.
7Sgaoilidh bilean nan daoine glice eòlas; ach cha dèan cridhe nan amadan mar sin.
8Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.
9Is gràinealachd don Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhainn leis an tì a leanas an dèidh fìreantachd.
10Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs.
11Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna: cia mòr as mò na sin cridheachan clann nan daoine?
12Cha toigh le fear-fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsaigh dhaoine glice cha tèid e.
13Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad.
14Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd.
15Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a‑ghnàth an cridhe ait.
16Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis.
17Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.
18Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit.
19Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh.
20Nì mac glic athair aoibhneach; ach nì mac amaideach tàir air a mhàthair.
21Is adhbhar aoibhneis amaideachd dhàsan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach.
22Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.
23Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!
24Tha slighe na beatha shuas don duine ghlic, a‑chum dol as o ifrinn shìos.
25Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich.
26Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan.
27Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais-bhratha, beò.
28Smaoinichidh cridhe an fhìrein cionnas as còir dha freagradh; ach dòirtidh beul nan aingidh a‑mach droch nithean.
29Tha an Tighearna fada o na h‑aingidh; ach èisdidh e ri ùrnaigh nam fìrean.
30Nì solas nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deagh chliù smior do na cnàmhan.
31Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas ri achmhasan na beatha còmhnaidh am measg nan daoine glice.
32An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse.
33Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 15: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017