1
Gnàth-fhacal 15:1
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 15:1
2
Gnàth-fhacal 15:33
Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.
Explore Gnàth-fhacal 15:33
3
Gnàth-fhacal 15:4
Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.
Explore Gnàth-fhacal 15:4
4
Gnàth-fhacal 15:22
Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.
Explore Gnàth-fhacal 15:22
5
Gnàth-fhacal 15:13
Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad.
Explore Gnàth-fhacal 15:13
6
Gnàth-fhacal 15:3
Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.
Explore Gnàth-fhacal 15:3
7
Gnàth-fhacal 15:16
Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis.
Explore Gnàth-fhacal 15:16
8
Gnàth-fhacal 15:18
Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit.
Explore Gnàth-fhacal 15:18
9
Gnàth-fhacal 15:28
Smaoinichidh cridhe an fhìrein cionnas as còir dha freagradh; ach dòirtidh beul nan aingidh a‑mach droch nithean.
Explore Gnàth-fhacal 15:28
Home
Bible
Plans
Videos