YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 16

16
1Tha deasachadh cridhe duine agus freagradh na teangaidh on Tighearna.
2Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan.
3Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.
4Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.
5Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.
6Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.
7Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.
8Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd-a‑steach mòr gun cheartas.
9Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.
10Tha fàistneachd air bilean an rìgh: ann am breitheanas cha dèan a bheul euceart.
11Is leis an Tighearna tomhaisean agus meidhean cearta: is iad uile chlachan-tomhais a’ mhàla a obair-san.
12Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh-chathair.
13Is taitneach do rìghrean bilean an ionracais; agus is ionmhainn leo esan a labhras nithean cearta.
14Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.
15Ann an solas gnùis rìgh tha beatha; agus tha a dheagh-ghean mar neul an uisge dheireannaich.
16Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
17Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam.
18Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.
19Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.
20An tì a nì gnothach gu tuigseach, gheibh e math: agus an tì a dh’earbas as an Tighearna is sona e.
21Goirear duine crìonna den tì a tha glic na chridhe; agus meudaichidh mìlse nam bilean fòghlam.
22Is tobar beatha an tuigse don tì aig a bheil i; ach is amaideachd fòghlam nan amadan.
23Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.
24Mar chìr-mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan.
25Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch.
26An tì a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon fhèin; oir iarraidh a bheul air e.
27Cladhaichidh an duine neo-dhiadhaidh olc; agus air a bhilean bidh mar theine loisgeach.
28Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte.
29Meallaidh fear an fhòirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach eil math.
30Druididh e a shùilean a‑chum smaoineachadh air nithean fiara; a’ gluasad a bhilean, bheir e olc gu crìch.
31Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.
32Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd-bhaile.
33Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 16: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in