YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 27

27
1Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.
2Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.
3Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.
4Agus air dhuinn stiùradh as a sin, sheòl sinn fo Chìprus, a chionn gu robh na gaothan nar n‑aghaidh.
5Agus nuair a sheòl sinn tron fhairge a tha làimh ri Cilicia agus Pamphilia, thàinig sinn gu Mira, baile de Licia.
6Agus fhuair an ceannard-ceud long an sin o Alecsandria, a bha a’ seòladh don Eadailt, agus chuir e sinn a‑steach innte.
7Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone;
8Agus air dhuinn seòladh air èiginn seachad air, thàinig sinn gu ionad àraidh ris an abrar Na Calachan Sgiamhach, am fagas don robh baile Lasea.
9Agus air do mhòran ùine dol seachad, nuair a bha seòladaireachd a‑nis cunnartach, a chionn gun deachaidh an trasgadh cheana seachad, chomhairlich Pòl iad,
10Ag ràdh riu, Fheara, tha mi a’ faicinn gum bi an turas seo le dochann agus call mòr, chan ann a‑mhàin don luchd agus don luing, ach dar n‑anaman fhèin.
11Gidheadh, is mò a chreid an ceannard-ceud an stiùradair agus maighistir na luinge, na na nithean a labhradh le Pòl.
12Agus a chionn gu robh an caladh neo-iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar-dheas, agus an iar-thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin.
13Agus nuair a shèid a’ ghaoth a deas gu ciùin, shaoil iad gun d’fhuair iad an rùn, agus a’ togail an seòl dhaibh, stiùir iad ri taobh Chrete.
14Ach an ceann beagan ùine na dhèidh sin, shèid gaoth ànradhach na h‑aghaidh, ris an abrar Euroclidon.
15Agus air a bhith don luing air a fuadachadh, agus gun chomas dhi dol an aghaidh na gaoithe, leig sinn ruith dhi.
16Agus air dhuinn ruith a‑steach fo eilean beag àraidh dom b’ainm Clauda, is ann le èiginn a ràinig sinn air a’ bhàta:
17Agus air dhaibh a togail suas, ghnàthaich iad gach gleus còmhnaidh, a’ criosadh na luinge foidhpe; agus air dhaibh a bhith fo eagal gun tuiteadh iad anns a’ bheò-ghaineimh, leag iad na siùil, agus mar sin dh’iomaineadh iad.
18Agus air dhuinn a bhith gu ro‑mhòr air ar luasgadh leis an doininn, air an là na dhèidh sin thilg iad a‑mach an luchd;
19Agus air an treas là thilg sinn le ar làmhan fhèin a‑mach acfhainn na luinge.
20Agus nuair nach robh a’ ghrian no na reultan rim faicinn rè mòran làithean, agus a laigh doineann nach bu bheag oirnn, thugadh an sin uainn gach uile dhòchas gun teasairgte sinn.
21Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle-sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.
22Agus a‑nis guidheam oirbh, biodh misneach mhath agaibh: oir cha bhi call anama sam bith nur measg, ach a‑mhàin na luinge.
23Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis,
24Ag ràdh, A Phòil, na biodh eagal ort; is èiginn dhut a bhith air do thoirt an làthair Chèasair: agus, feuch, thìodhlaic Dia dhut iadsan uile a tha a’ seòladh maille riut.
25Uime sin, fheara, biodh agaibh deagh mhisneach: oir tha mi a’ creidsinn Dhè, gun tachair ceart mar a labhradh rium.
26Ach is èiginn dhuinn a bhith air ar tilgeadh air eilean àraidh.
27Agus nuair a bha an ceathramh-oidhche-deug air teachd, air dhuinn a bhith air ar n‑iomain a‑null agus a‑nall ann am muir Adria, mu mheadhon-oidhche b’i barail nam maraichean gu robh iad am fagas do thìr-eigin:
28Agus air leigeadh na luaidhe sìos dhaibh, fhuair iad an doimhne fichead aitheamh; agus nuair a chaidh iad beagan air an aghaidh, leig iad sìos an luaidh a‑rìs, agus fhuair iad i na còig-aitheamh-deug.
29An sin air dhaibh a bhith fo eagal gum buaileadh iad air ionadan garbha, thilg iad ceithir acraichean à deireadh na luinge, agus ghuidh iad an là a theachd.
30Agus nuair a bha na maraichean air tì teicheadh a‑mach as an luing, agus a leig iad sìos am bàta don fhairge, a’ gabhail orra a bhith a’ tilgeadh a‑mach acraichean à toiseach na luinge,
31Thubhairt Pòl ris a’ cheannard-ceud, agus ris na saighdearan, Mura fan iad sin anns an luing, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur teasairginn.
32An sin gheàrr na saighdearan cùird a’ bhàta, agus leig iad leatha tuiteam sìos.
33Agus am feadh a bha an là a’ teachd, thug Pòl a chomhairle orra uile biadh a ghabhail, ag ràdh, Is e seo an ceathramh-là‑deug dhuibh a’ feitheamh, agus a’ fantainn nur trasg, gun bhiadh sam bith a ghabhail.
34Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail; oir tha seo a‑chum ur slàinte: oir cha chaillear fuiltean à ceann a h‑aoin agaibh.
35Agus air dha na nithean seo a labhairt, agus aran a ghlacadh, thug e buidheachas do Dhia nan làthair uile: agus air dha a bhriseadh, thòisich e ri ithe.
36An sin ghlac iad uile deagh mhisneach, agus ghabh iad biadh mar an ceudna.
37Agus bha sinn a dh’anaman uile anns an luing, dà cheud agus sia-deug, agus trì-fichead.
38Agus nuair a shàsaicheadh iad le biadh, dh’aotromaich iad an long, agus thilg iad a‑mach an cruithneachd anns an fhairge.
39Agus nuair a bha an là air teachd, cha d’aithnich iad am fearann: ach thug iad an aire do gheodha àraidh aig an robh tràigh, anns an robh a mhiann orra, nam burrainn iad, an long a chur gu tìr.
40Agus air togail nan acraichean dhaibh, leig iad ris an fhairge i, agus nuair a dh’fhuasgail iad ceanglaichean na stiùrach, agus a thog iad am prìomh-sheòl ris a’ ghaoith, sheòl iad a‑chum na tràighe.
41Agus air tuiteam dhaibh ann an ionad àraidh far an do choinnich dà fhairge a chèile, bhuail iad an long air grunnd; agus air sàthadh da toiseach anns a’ ghrunnd, dh’fhan e gun charachadh, ach bhriseadh a deireadh le ainneart nan tonn.
42Agus b’i comhairle nan saighdearan gum marbhadh iad na prìosanaich, air eagal gun snàmhadh neach sam bith dhiubh a‑mach, agus gu rachadh iad as.
43Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr:
44Agus do chàch dh’àithn e cuid dhiubh a dhol air clàir, agus cuid eile air mìrean briste den luing: agus mar sin thàrladh gun deachaidh iad uile tèarainte gu tìr.

Currently Selected:

Gnìomharan 27: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in