Gnìomharan 28
28
1Agus nuair a thèarnadh iad, thuig iad an sin gum b’e Melita ainm an eilein.
2Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd.
3Agus air do Phòl dòrlach bhioran a thional, agus an cur air an teine, thàinig nathair nimhe a‑mach as an teas, agus shàs i na làimh.
4Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.
5Agus air dhàsan a’ bhèist a chrathadh dheth anns an teine, cha d’fhuiling e dochann sam bith.
6Ach bha iadsan a’ feitheamh cuin a dh’atadh e, no a thuiteadh e sìos marbh gu h‑obann: ach nuair a dh’fheith iad ùine fhada, agus nach faca iad dochann sam bith a’ teachd air, chaochail iad an inntinn, agus thubhairt iad gur dia e.
7Agus bha mu thimcheall an àite sin fearann aig prìomh-dhuine an eilein, dom b’ainm Publius, a ghabh rinn agus a thug rè trì làithean aoidheachd dhuinn gu càirdeil.
8Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e.
9Agus nuair a rinneadh seo, thàinig mar an ceudna muinntir eile a bha easlan anns an eilean da ionnsaigh, agus lèighseadh iad:
10Muinntir mar an ceudna a thug mòr-urram dhuinn; agus nuair a dh’fhalbh sinn, chuir iad na nithean sin leinn a bha feumail dhuinn.
11Agus an dèidh trì mìosan sheòl sinn ann an luing o Alecsandria, a chaith an geamhradh anns an eilean, dom bu shuaicheantas Castor agus Pollucs.
12Agus nuair a chaidh sinn air tìr aig Siracuse, dh’fhan sinn an sin trì làithean.
13Agus air seòladh dhuinn timcheall as a sin, thàinig sinn gu Regium: agus an ceann là na dhèidh sin shèid a’ ghaoth a deas, agus thàinig sinn an ath là gu Puteoli:
14Air dhuinn bràithrean fhaotainn an sin, chuireadh impidh oirnn leo fantainn seachd làithean maille riu: agus mar sin thriall sin a‑chum na Ròimhe.
15Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.
16Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard-ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh.
17Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.
18Muinntir an dèidh dhaibh mo cheasnachadh, leis am bu mhiann mo leigeadh as, a chionn nach robh coire bàis sam bith annam.
19Ach nuair a bha na h‑Iùdhaich a’ labhairt an aghaidh seo, b’èiginn dhomh mo chùis a thogail gu Cèasar; chan e gu bheil coire sam bith agam ri chur as leth mo chinnich.
20Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo.
21Agus thubhairt iadsan ris, Cha d’fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud thimcheall, cha mhò a dh’fhoillsich no dh’innis aon de na bràithrean a thàinig olc sam bith umad.
22Ach bu mhath leinn a chluinntinn uatsa ciod i do bharail: oir mu thimcheall a’ ghnè chreidimh seo tha fhios againn gun labhrar anns gach àite na h‑aghaidh.
23Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
24Agus chreid cuid na nithean a labhradh, agus cha do chreid cuid eile dhiubh.
25Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.
26Ag ràdh, Imich a‑chum a’ phobaill seo, agus abair, Le cluinntinn cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le faicinn chì sibh, agus chan aithnich sibh.
27Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn-sa iad.
28Uime sin biodh fhios agaibhse gun do chuireadh slàinte Dhè a‑chum nan Cinneach agus èisdidh iadsan.
29Agus nuair a thubhairt e na briathran seo, dh’imich na h‑Iùdhaich romhpa, agus bha mòr-reusonachadh aca eatorra fhèin.
30Agus dh’fhan Pòl dà bhliadhna iomlan na thaigh-màil fhèin, agus ghabh e ris na h‑uile dhaoine a thàinig da ionnsaigh,
31A’ searmonachadh rìoghachd Dhè, agus a’ teagasg nan nithean a bhuineas don Tighearna Iosa Crìosd, leis an uile dhànachd, gun toirmeasg.
Currently Selected:
Gnìomharan 28: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017