Ag ràdh, Imich a‑chum a’ phobaill seo, agus abair, Le cluinntinn cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le faicinn chì sibh, agus chan aithnich sibh.
Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn-sa iad.