Gnìomharan 26
26
1An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Tha cead agad labhairt air do shon fhèin. An sin shìn Pòl a‑mach a làmh, agus fhreagair e air a shon fhèin.
2Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair-sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich;
3Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach.
4Tha mo bheatha-sa om òige, a chaitheadh air tùs am measg mo chinnich fhèin ann an Ierusalem, aithnichte do na h‑Iùdhaich uile;
5Dom b’aithne mi o thùs (nam b’àill leo fianais a dhèanamh), gun do chaith mi mo bheatha am Pharasach, a rèir an luchd co‑bharail as teinne de ar creideamh-ne.
6Agus a‑nis tha mi am sheasamh fo bhreitheanas airson dòchas a’ gheallaidh a rinneadh le Dia dar n‑athraichean:
7A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.
8Carson a mheasar leibhse mar nì do‑chreidsinn gun dùisgeadh Dia na mairbh?
9Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret.
10Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd-shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh.
11Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.
12Air a seo, nuair a bha mi a’ dol gu Damascas, le cumhachd agus barantas o na h‑àrd-shagartan;
13Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.
14Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.
15Agus thubhairt mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn.
16Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;
17Gad shaoradh on t‑sluagh, agus o na Cinnich, a‑chum a bheil mi a‑nis gad chur,
18A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.
19Uime sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas-umhail don taisbeanadh nèamhaidh:
20Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.
21Airson nan nithean seo ghlac na h‑Iùdhaich mi anns an teampall, agus b’àill leo mo mharbhadh.
22Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;
23Gu robh Crìosd gu fulang, agus gu robh e gu èirigh, an ciad neach o na mairbh, agus gum foillsicheadh e solas don phoball, agus do na Cinnich.
24Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì-chèill, a Phòil: tha mòr-fhòghlam gad chur air bhoile.
25Ach thubhairt esan, Chan eil mi air bhoile, Fhestuis ro‑òirdheirc; ach tha mi a’ labhairt briathran na fìrinn agus na cèille.
26Oir tha fhios aig an rìgh, ro a bheil mise a’ labhairt gu saor, air na nithean seo: oir tha cinnt agam nach eil a h‑aon de na nithean seo an ainfhios dha; oir chan ann an cùil a rinneadh seo.
27A bheil thu a’ creidsinn nam fàidhean, a rìgh Agripa? Tha fhios agam gu bheil thu gan creidsinn.
28An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh.
29Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo.
30Agus air dha na briathran seo a labhairt, dh’èirich an rìgh, agus an t‑uachdaran, agus Bernice, agus an dream a shuidh maille riu:
31Agus nuair a chaidh iad a lethtaobh, labhair iad ri chèile, ag ràdh, Chan eil an duine seo a’ dèanamh nì air bith toillteanach air bàs, no air gèimhlean.
32An sin thubhairt Agripa ri Festus, Dh’fhaodte an duine seo a leigeadh as, mura biodh gun do thog e a chùis gu Cèasar.
Currently Selected:
Gnìomharan 26: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017