YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 25

25
1A‑nis nuair a thàinig Festus don mhòr-roinn, an ceann trì làithean chaidh e suas o Chesarèa gu Ierusalem.
2Agus nochd an t‑àrd-shagart agus maithean nan Iùdhach iad fhèin na làthair an aghaidh Phòil, agus chuir iad impidh air,
3Ag iarraidh fàbhair na aghaidh, gun cuireadh e fios air gu Ierusalem, agus iad a dhèanamh feall-fhalaich a‑chum esan a mharbhadh air an t‑slighe.
4Ach fhreagair Festus gum bu chòir Pòl a ghleidheadh ann an Cesarèa, agus gun rachadh e fhèin an sin gu h‑aithghearr.
5Uime sin, arsa esan, rachadh iadsan nur measg a dh’fhaodas, sìos maille riumsa, agus ma tha coire air bith anns an duine seo, cuireadh iad sin as a leth.
6Agus air dha fantainn nam measg os cionn deich làithean, chaidh e sìos do Chesarèa; agus air an là màireach shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn e Pòl a thoirt an làthair.
7Agus nuair a thàinig esan, sheas na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nuas o Ierusalem ma thimcheall, a’ cur choireannan lìonmhor agus mòra as leth Phòil, nach b’urrainn iad a dhearbhadh:
8Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.
9Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?
10An sin thubhairt Pòl, Tha mi am sheasamh aig cathair-bhreitheanais Chèasair, far an còir breith a thoirt orm: air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as math a tha fhios agadsa.
11Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar.
12An sin an dèidh do Fhestus labhairt ris a’ chomhairle, fhreagair e, An do thog thu do chùis gu Cèasar? Gu Cèasar thèid thu.
13Air dol do làithean àraidh seachad, thàinig Agripa an rìgh agus Bernice gu Cesarèa a chur fàilte air Festus.
14Agus air dhaibh mòran làithean a chaitheamh an sin, chuir Festus cùis Phòil an cèill don rìgh, ag ràdh, Dh’fhàgadh duine àraidh le Felics na phrìosanach;
15Airsan, nuair a bha mise ann an Ierusalem, rinn na h‑àrd-shagartan agus seanairean nan Iùdhach casaid rium, ag iarraidh binne na aghaidh.
16Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth.
17Uime sin nuair a thàinig iad araon an seo, gun mhoille sam bith shuidh mi air an là màireach air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn mi an duine a thoirt an làthair.
18Agus nuair a sheas a luchd-casaid ma thimcheall, cha do chuir iad coire air bith as a leth de na nithean a shaoil mise:
19Ach thug iad ceistean àraidh na aghaidh mu thimcheall an creidimh fhèin, agus mu thimcheall Iosa àraidh, a fhuair bàs, neach a thubhairt Pòl a tha beò.
20Agus a chionn gu robh mise amharasach mu thimcheall an leithidean sin de cheistean, dh’fheòraich mi dheth am b’àill leis dol suas do Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas mu na nithean seo.
21Ach nuair a dh’iarr Pòl a bhith air a choimhead gus am fiosraichte a chùis le Augustus, dh’àithn mi e a bhith air a ghleidheadh gus an cuirinn gu Cèasar e.
22An sin thubhairt Agripa ri Festus, B’àill leamsa fhèin an duine seo a chluinntinn. A‑màireach, thubhairt esan, cluinnidh tu e.
23Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr-ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd-cheannardan agus prìomh-dhaoine na cathrach don ionad-èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair.
24Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò.
25Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh.
26Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh-sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh.
27Oir is mì‑reusonta am bheachd-sa prìosanach a chur uam agus gun na cùisean a tha na aghaidh ainmeachadh.

Currently Selected:

Gnìomharan 25: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in