2 Peadar 3
3
1An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne:
2A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne-ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir:
3Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.
4Agus ag ràdh, Càit a bheil gealladh a theachd? Oir o chaidil na h‑athraichean, tha na h‑uile nithean a’ fantainn mar a bha iad o thoiseach a’ chruthachaidh.
5Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:
6Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air.
7Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.
8Ach, a mhuinntir mo ghràidh, na bithibh-se aineolach air an aon nì seo, gu bheil aon là aig an Tighearna mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là.
9Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
10Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.
11Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh-beatha naomh, agus diadhachd,
12Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian-theas?
13Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd.
14Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach:
15Agus measaibh gur slàinte fad-fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;
16Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo-fhòghlaimte, agus neo-sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.
17Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin:
18Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.
Currently Selected:
2 Peadar 3: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017