YouVersion Logo
Search Icon

2 Peadar 2

2
1Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.
2Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.
3Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.
4Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;
5Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;
6Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;
7Agus gun do shaor e Lot am fìrean, a bha fo champar le caitheamh-beatha neòghlain nan aingidh:
8(Oir chràidh an t‑ionracan sin, agus e a’ gabhail còmhnaidh nam measg, a anam fìreanta o là ga là, le bhith a’ faicinn, agus a’ cluinntinn, an gnìomharan ain-dligheach:)
9Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:
10Ach gu h‑àraidh iadsan a leanas an fheòil ann an ana-miann na neòghlaine, agus a nì tàir air uachdaranachd: air dhaibh a bhith an‑dàna, fèin-thoileil, chan eagal leo ana-cainnt a thoirt dhaibhsan a tha ann an àrd-inbhe:
11Nuair nach toir aingil, as mò ann an neart agus ann an cumhachd, casaid thoibheumach nan aghaidh am fianais an Tighearna.
12Ach iadsan, mar ainmhidhean nàdarra eu‑cèillidh, a rinneadh gu bhith air an glacadh, agus air an sgrios, air dhaibh a bhith a’ labhairt gu toibheumach mu na nithean nach tuig iad, sgriosar iad nan truaillidheachd fhèin;
13Agus gheibh iad tuarasdal na h‑euceirt, mar dhream a mheasas mar shubhachas sògh anns an là: is smalan iad agus adhbhar-maslaidh, a’ gabhail toileachas-inntinn nam mealltaireachd fhèin, am feadh a tha iad air cuirmean maille ribh;
14Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo-shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd:
15A thrèig an t‑slighe dhìreach, agus a chaidh air seachran, a’ leantainn slighe Bhalàaim mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na h‑eucoir;
16Ach a fhuair achmhasan airson a aingidheachd: oir labhair an asal bhalbh le cainnt duine, agus thoirmisg i mì‑chiall an fhàidh.
17Is tobraichean gun uisge iad seo, neòil air an iomain le iomaghaoith; fa chomhair a bheil duibhre an dorchadais air a thasgadh gu sìorraidh.
18Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;
19A’ gealltainn saorsa dhaibh, agus gun annta fhèin ach tràillean na truaillidheachd: oir ge bè nì lem buadhaichear air duine, don nì sin fhèin tha e air a chur fo dhaorsa.
20Oir an dèidh dhaibh dol as o shalchar an t‑saoghail, tre eòlas an Tighearna agus an t‑Slànaighir Iosa Crìosd, ma bhios iad a‑rìs air an ribeadh annta, agus air an cur fo ghèill, tha a’ chrìoch aca nas miosa na an toiseach.
21Oir b’fheàrr dhaibh gun eòlas a bhith aca air slighe na fìreantachd, na, an dèidh a h‑eòlas fhaotainn, tilleadh on àithne naoimh a thugadh dhaibh.
22Ach thachair dhaibh a rèir an t‑sean-fhacail fhìrinnich: thill am madadh air ais a‑chum a sgeith fhèin; agus, a’ mhuc a chaidh a nighe, a‑chum a h‑aoirneagan anns an làthaich.

Currently Selected:

2 Peadar 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in