1 Eòin 1
1
1An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;
2(Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ dèanamh fianais, agus a’ cur an cèill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne;)
3An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.
4Agus tha sinn a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi ur gàirdeachas coileanta.
5Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithesan, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith annsan.
6Ma their sinn gu bheil comann againn ris, agus sinn a’ gluasad ann an dorchadas, tha sinn a’ dèanamh brèige, agus chan eil sinn a’ dèanamh na fìrinn:
7Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
8Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.
9Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.
10Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ dèanamh breugaire dhethsan, agus chan eil a fhacal annainn.
Currently Selected:
1 Eòin 1: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017