1 Peadar 2
2
1Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana-cainnt,
2Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;
3Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor:
4A’ teachd da ionnsaigh-san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor;
5Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.
6Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach-oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.
7Dhuibhse uime sin a chreideas, tha e luachmhor: ach dhaibhsan a tha eas-umhail, a’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith,
8Agus clach-thuislidh, agus carraig-oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas-umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad.
9Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
10Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.
11A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;
12Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.
13Uime sin bithibh umhail do gach uile riaghailt dhaoine airson an Tighearna: mas ann don rìgh mar an tì as àirde inbhe;
14No do uachdarain mar don mhuinntir a chuireadh uaithe a‑chum dìoghaltais air luchd-dèanamh an uilc, ach a‑chum cliù dhaibhsan a nì math.
15Oir is i toil Dhè gun cuireadh sibh le deagh dhèanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach:
16Mar dhaoine saora, agus gun ur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat-falaich don olc, ach mar sheirbhisich Dhè.
17Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh.
18A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean maille ris an uile eagal, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha math agus ciùin, ach mar an ceudna dhaibhsan a tha ana-mèineach.
19Oir tha seo cliù-thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach.
20Oir ciod an t‑adhbhar molaidh a tha ann mas e nuair a ghabhar oirbh airson ur cionta, gun giùlan sibh gu foighidinneach e? Ach mas e nuair a tha sibh a’ dèanamh maith, agus a’ fulang air a shon, gun giùlain sibh e gu foighidinneach, tha seo taitneach do Dhia.
21Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:
22Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:
23Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:
24Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
25Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.
Currently Selected:
1 Peadar 2: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017