YouVersion Logo
Search Icon

1 Peadar 1

1
1Peadar, abstol Iosa Crìosd, a‑chum nan coigreach a tha air an sgapadh tre Phontus, Ghalàtia, Chapadòcia, Asia, agus Bhitinia,
2A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.
3Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.
4A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,
5A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:
6Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh;
7A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
8Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir:
9A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama:
10Slàinte mun d’fhiosraich na fàidhean, agus mun do rinn iad geur-rannsachadh, muinntir a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gu teachd dur n‑ionnsaigh-se;
11A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.
12Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.
13Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;
14Mar chloinn umhail, gun a bhith gur co‑chumadh fhèin ris na h‑ana-miannan a bha agaibh roimhe ann an àm ur n‑aineolais:
15Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh-se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh-beatha:
16Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh-se naomh, oir tha mise naomh.
17Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon-bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal:
18Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;
19Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:
20Neach gu deimhinn a ro‑òrdaicheadh ro chruthachadh an t‑saoghail, ach a dh’fhoillsicheadh anns na h‑aimsirean deireannach air ur son-se;
21Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.
22Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:
23Air dhuibh a bhith air ur n‑ath-ghineamhainn, chan ann o shìol truaillidh, ach neo-thruaillidh, le facal an Dè bheò, agus a mhaireas gu sìorraidh.
24Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:
25Ach fanaidh facal an Tighearna gu sìorraidh. Agus is e seo am facal a shearmonaicheadh dhuibhse anns an t‑soisgeul.

Currently Selected:

1 Peadar 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in