1 Peadar 3
3
1Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas-umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh-beatha nam ban;
2Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh-beatha geamnaidh maille ri eagal.
3Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh:
4Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo-thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè.
5Oir b’ann mar seo a rinn na mnathan naomha o shean, aig an robh am muinghinn ann an Dia, iad fhèin brèagha, air dhaibh a bhith umhail dam fir fhèin;
6Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,
7Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.
8Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:
9Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:
10Oir ge bè lem b’àill beatha a ghràdhachadh, agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o labhairt ceilg;
11Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i.
12Oir tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluasan fosgailte rin ùrnaigh: ach tha gnùis an Tighearna an aghaidh na muinntir a nì olc.
13Agus cò e a nì olc oirbh, ma bhios sibh nur luchd-leanmhainn air an nì sin a tha math?
14Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail-san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach;
15Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:
16Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.
17Oir is fheàrr, mas e sin toil Dhè, sibh a dh’fhulang airson math a dhèanamh, na airson olc a dhèanamh.
18Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
19Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich e do na spioradan ann am prìosan;
20A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
21Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:
22Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.
Currently Selected:
1 Peadar 3: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017