YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 144

144
Salm 144
1Beannaicht' gu robh Iehòbhah treun,
mo charraig e 's mo threòir;
Mo làmh a theagaisgeas gu cath,
's gu còmhrag mhath mo mheòir:
2Mo mhath, mo dhìon, 's mo bhaideal àrd,
mo shlànaighear, 's mo sgiath;
'S e cheannsaicheas mo dhaoine fo'm:
mo mhuinghinn is e Dia.
3Dhia, ciod e 'n duine, gu bheil thu
a' gabhail eòlais air?
No ciod e mac an duine fòs
gun tug thu e fa‑near?
4An duine, 's cosmhail e gu fìor
ri dìomhanas gun stàth;
'S a làith' mar sgàil, 's mar fhaileas fòs
a' gabhail seach a ta.
5O lùb, a Dhia, do fhlaitheis àrd,
thig fhèin gun dàil a‑nuas:
Bean ris na slèibhtean mòr' led neart,
is uap' thèid deatach suas.
6Cuir uat a‑mach do dhealanach,
is sgaoil iad siud air fad:
Is tilg a‑mach do shaighdean geur',
is claoidhear iad gu grad.
7Sìn uat do làmh à d'ionad àrd,
saor mi, is fuasgail orm,
O uisgean làidir iomarcach,
's o làimh nan coigreach borb'.
8Iadsan ga bheil am bèil a' teachd
air dìomhanas gach lò;
An deaslàmh siud, is deaslàmh i
làn ìogain agus gò.
9Dhut seinneam òran nuadh, a Dhè,
's ann air an t‑saltair ghrinn;
Air inneal-ciùil nan teudan deich,
dhut seinneam moladh binn.
10'S e Dia a bheir do rìghrean mòr'
slàint' agus buaidh gu treun,
'S e shaoras Daibhidh, 'òglach caomh,
on chlaidheamh mhillteach gheur.
11Saor mi, is fuasgail orm o làimh
nan coimheach, ga bheil beul
Làn dìomhanais: 's an deaslàmh fòs
na deaslàimh foill' is brèig'.
12A‑chum gum biodh ar mic a' fàs
mar ùr‑chrann suas nan òig':
'S ar nigheanan mar chlachan snaidht'
an oisinn lùchairt mhòir.
13Ar saibhlean làn den uile stòr;
ar treudan fòs a' breith,
Nam mìltean, seadh deich mìltean fòs
nar machairean gach leth.
14Ar daimh gu obair làidir calm,
gun bhriseadh mach no steach,
A‑chum nar sràidean fòs nach biodh
guth caoidh' gu gearanach.
15'S beannaicht' am poball sin a tha
san inbhe seo gu beachd;
'S beannaicht' am poball fòs don Dia
Iehòbhah Triath nam feart.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 144: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in