YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 143

143
Salm 143
1Rim ùrnaigh èisd, is aom do chluas
rim athchuinge, a Dhè;
Ad fhìrinn, is ad cheartas àrd,
gu gràsmhor freagair mi.
2Na tionnsgain ann am breitheanas
led òglach dìleas fhèin:
Oir 's dearbh nach saorar duine beò
ad fhianais ann am binn.
3Oir lean an nàmhaid eucorach
le tòir ghèir m'anam bochd,
Mo bheatha thilg e sìos le tàir,
leag ris an làr gun iochd:
Is chuir e mi an dorchadas
chum còmhnaidh ann gu truagh;
Is ionnan mi 's an dream gu dearbh
bhiodh fada marbh san uaigh.
4Is uime sin tha m'anam bàtht'
gu cràiteach ann am chom:
Mo chrìdh' am chliabh gu muladach,
air fàs gu tùirseach trom.
5Na làith' o chian do chuimhnich mi,
tàim cnuasachadh gun tàmh
D'oibrean gu lèir; 's a' smaoineachadh
air gnìomharan do làmh.
6Mo làmhan shìn mi riutsa suas;
an geall tha m'anam ort,
Amhlaidh mar bhitheas fearann cruaidh
air tiormachadh le tart.
7Eisd rium, a Thighearna, gu grad;
chaidh as dom anam bochd:
Do ghnùis na ceil, chum nach bi mi
mar dhream thèid sìos don t‑sloc.
8Thoir orm gun cluinnear leam, gu moch,
guth binn do choibhneis ghràidh;
Oir annad chuir mi fhèin gu mòr
mo dhòchas is mo dhòigh:
Am bealach fòs an gluaisear leam,
thoir orm gun aithnich mi:
Oir riutsa tha mi togail suas
mo spioraid thruaigh, a Dhè.
9Om naimhdean guineach teasairg mi,
O Thighearn is a Rìgh:
Ad ionnsaigh theich mi fòs, a‑chum
gum falaicht' leatsa mi.
10Do thoil a dhèanamh teagaisg dhomh,
oir 's tu mo Dhia gu beachd:
O 's math do spiorad; treòraich mi
gu tìr na fìreantachd.
11Sgàth d'ainme beothaich mi gu treun,
a Dhè Iehòbhah mhòir:
Sgàth d'fhìreantachd, saor m'anam bochd
o thrioblaid ghoirt 's o leòn.
12Cuir as dom naimhdean tre do ghràs,
is sgrios iad sin gu lèir
A tha cur m'anam' thruaigh fo leòn;
oir 's mise d'òglach fhèin.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 143: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Sailm Dhaibhidh 143