1
Sailm Dhaibhidh 143:10
Sailm Dhaibhidh 1992 (ath-sgrùdaichte le litreachadh ùr)
Do thoil a dhèanamh teagaisg dhomh, oir 's tu mo Dhia gu beachd: O 's math do spiorad; treòraich mi gu tìr na fìreantachd.
Compare
Explore Sailm Dhaibhidh 143:10
2
Sailm Dhaibhidh 143:8
Thoir orm gun cluinnear leam, gu moch, guth binn do choibhneis ghràidh; Oir annad chuir mi fhèin gu mòr mo dhòchas is mo dhòigh: Am bealach fòs an gluaisear leam, thoir orm gun aithnich mi: Oir riutsa tha mi togail suas mo spioraid thruaigh, a Dhè.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:8
3
Sailm Dhaibhidh 143:9
Om naimhdean guineach teasairg mi, O Thighearn is a Rìgh: Ad ionnsaigh theich mi fòs, a‑chum gum falaicht' leatsa mi.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:9
4
Sailm Dhaibhidh 143:11
Sgàth d'ainme beothaich mi gu treun, a Dhè Iehòbhah mhòir: Sgàth d'fhìreantachd, saor m'anam bochd o thrioblaid ghoirt 's o leòn.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:11
5
Sailm Dhaibhidh 143:1
Rim ùrnaigh èisd, is aom do chluas rim athchuinge, a Dhè; Ad fhìrinn, is ad cheartas àrd, gu gràsmhor freagair mi.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:1
6
Sailm Dhaibhidh 143:7
Eisd rium, a Thighearna, gu grad; chaidh as dom anam bochd: Do ghnùis na ceil, chum nach bi mi mar dhream thèid sìos don t‑sloc.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:7
7
Sailm Dhaibhidh 143:5
Na làith' o chian do chuimhnich mi, tàim cnuasachadh gun tàmh D'oibrean gu lèir; 's a' smaoineachadh air gnìomharan do làmh.
Explore Sailm Dhaibhidh 143:5
Home
Bible
Plans
Videos