YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 145

145
Salm 145
1Ardaicheam thu, mo Dhia 's mo Rìgh;
d'ainm beannaicheam gu bràth.
2Dod ainm am feasd bheir mise cliù;
àrdaicheam thu gach là.
3Tha Dia Iehòbhah mòr gu dearbh;
ionmholta Dia gu mòr:
Chan fhaodar meud a mhòrachd-san
a rannsachadh gu leòr.
4Molaidh gach àl do ghnìomharan
don àl a thig nan dèidh;
Is d'oibrean cumhachdach ro‑mhòr
sìor chuirear leo an cèill.
5Urram do mhòrachd ghlòrmhoir fhèin
cuiridh mi 'n cèill gu beachd;
Air d'oibrean iongantach gu lèir
labhram, a Dhè nam feart.
6Labhraidh daoin' eile fòs air neart
do bheairtean uamhasach:
Is mise foillsicheam gu mòr
do mhòrachd iongantach.
7Is cuirear leo an cèill gu pailt
iomradh do mhaitheis mhòir;
Do cheartas glan, is d'ionracas
molaidh gu binn le ceòl.
8Tha 'n Tighearna ro‑ghràsmhor caoin,
is làn de thruacantachd;
A ta e mall chum feirg', is fòs
pailt ann an tròcaireachd.
9Is math Iehòbhah do gach dùil;
tha thròcair chaomh gu beachd
Os cionn gach obair agus gnìomh
a rinneadh leis le neart.
10Dhia, molaidh d'oibrean thu air fad;
led naomhan molar thu:
11Air glòir do rìoghachd labhraidh iad;
innsidh do neart le cliù.
12A‑chum a bheairtean cumhachdach
gun tuigeadh clann nan daoin';
Gu bheil a rìoghachd làn de ghlòir,
is mòralachd faraon.
13Do rìoghachd fhèin, is rìoghachd i
tha sìorraidh buan gu beachd;
Is mairidh d'uachdranachd gu bràth
air feadh gach àil ri teachd.
14Cumaidh Iehòbhah suas le neart
an dream tha tuiteam sìos;
'S an dream tha claonadh chum an làir,
togaidh e 'n àird a‑rìs.
15Tha sùilean fòs gach dùil' air bith
a' feitheamh ort, a Rìgh;
Is tha thu anns na tràthan ceart
a' tabhairt dhaibh am bìdh.
16A ta thu ann ad thoirbheartas
fosgladh do làimh' gu mòr,
Is miann gach nithe beò air bith
sàsaichear leat gu leòr.
17Tha Dia na uile shlighean ceart,
is naomh na uile ghnìomh.
18'S dlùth Dia do mheud 's a ghairmeas air,
seadh, ghairmeas air gu fìor.
19Deagh mhiann gach neach don eagal e,
coileanaidh e gu pailt;
Is èisdidh esan fòs rin glaodh,
saoraidh e iad nan airc.
20An dream tha 'tabhairt gràidh do Dhia
dhaibh nì e tèarmann deas;
Ach fòs na h‑aingidh olc gu lèir
do nì e fhèin an sgrios.
21A' luaidh air cliù Iehòbhah thrèin,
bithidh mo bheul gun cheist:
'Ainm naomha beannaicheadh gach feòil,
gu sìorraidh buan am feasd.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 145: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy