Marcus 12

12
Samhladh na Fìon-lios
1 # Is 5.1-2 Agus thòisich e a' bruidhinn ann an samhlaidhean. Thuirt e riu, “Bha siod ann duine a rinn fìon-lios ùr. Thog e balla timcheall oirre. Chladhaich e an‑uairsin toll-bruthaidh agus thog e tùr-faire. An dèidh sin thug e an lios air aonta do thuathanaich, agus dh'fhalbh e‑fhèin air turas. 2Nuair a thàinig an t‑àm, chuir e seirbhiseach gu na tuathanaich a dh'fhaighinn bhuapa a chuid fhèin de thoradh na lios. 3Ach 'se rinn iadsan, a chuipeadh, agus a chur air falbh falamh. 4Chuir e seirbhiseach eile thuca. 'Se rinn iad ris an fhear seo, a leòn sa cheann 's droch làimhseachadh a thoirt dha. 5Chuir e an‑uairsin seirbhiseach eile thuca, ach mharbh iad am fear seo. Chuir e mòran eile thuca a bharrachd orrasan. Chaidh cuid a leòn agus cuid a mharbhadh. 6Bha aon neach fhathast air fhàgail, a mhac fhèin air an robh gràdh mòr aige. Mu dheireadh thall, chuir e esan thuca, 's e an dùil gum biodh spèis aca dha mhac. 7Ach 'sann a thuirt iadsan ri cach-a‑chèile, ‘Seo an t‑oighre. Siùdaibh! Marbhaidh sinn e, 's bidh an oighreachd againn dhuinn fhìn.’ 8Rug iad air, mharbh iad e, agus thilg iad a chorp a‑mach ás an lios.
9“Dè a‑nis a tha maighistir na lios a' dol a dhèanamh? Thig e agus sgriosaidh e na daoine sin, agus bheir e seachad an fhìon-lios do dh'fheadhainn eile. 10#Salm 118.22-23Nach do leugh sibh mar a tha e sgrìobhte:
‘An dearbh chlach ris nach gabhadh na clachairean gnothach,
sin a' chlach a tha a' cumail nam ballachan ri chèile.
11'Se an Tighearna a rinn seo,
's tha e mìorbhaileach nar sealladh’.”
12Dh'fheuch iad ri grèim a dhèanamh air, ach bha eagal orra ron t‑sluagh, oir thuig iad gur ann thuca fhèin a bha e ag iarraidh leis an t‑samhladh. Dh'fhàg iad e agus dh'fhalbh iad.
Dia agus Cèasar
13Chuir iad thuige feadhainn dhe na Pharasaich 's de mhuinntir Heroid, feuch an canadh e rud leis an glacadh iad e. 14Thàinig iad 's thuirt iad ris, “A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, 's nach eil taobh agad ri neach seach neach, oir chan eil suim agad do dh'inbhe duine, ach tha thu a' teagasg na fìrinn mu shlighe Dhè. A bheil e laghail, no nach eil, cìs a thoirt do Chèasar? Am pàigh sinn i, no nach pàigh?”
15Thuig esan cho cealgach 's a bha iad, 's thuirt e riu, “Carson a tha sibh gam fheuchainn? Thoiribh dhomh bonn airgid, gus an seall mi air.”
16Rinn iad sin. Thuirt Iosa riu, “Cò an dealbh agus cò an t‑ainm a tha seo?”
“Cèasar,” ars iadsan.
17Fhreagair e iad, “Thoiribh do Chèasar na bhuineas do Chèasar, agus do Dhia na bhuineas do Dhia.”
Chuir e ioghnadh mòr orra leis a seo.
Deasbad man Aiseirigh
18Thàinig Sadusaich thuige — sin an fheadhainn a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann — agus thòisich iad air a cheasnachadh.
19 # Deut 25.5 “A Mhaighistir,” ars iadsan, “sgrìobh Maois dhuinn: ‘Ma bhàsaicheas duine 's gum fàg e banntrach gun chloinn, feumaidh bràthair an duine a' bhanntrach a phòsadh, agus clann a ghintinn dhan duine mharbh.’ 20Nise bha seachdnar bhràithrean ann. Phòs a' cheud fhear bean agus bhàsaich e gun teaghlach. 21Phòs an dara fear i agus bhàsaich esan gun chloinn, agus dh'èirich dhan treas fear air an aon dòigh. 22Bha i pòsda aig gach fear dhiubh, ach cha d'fhàg aon dhen t‑seachdnar clann. 'S nan dèidh uile bhàsaich a' bhean. 23Anns an aiseirigh, nuair a dh'èireas na mairbh, cò am fear aig am bi i na bean, oir bha i na bean mar-tha aig gach fear dhen t‑seachdnar?”
24Fhreagair Iosa iad, “Nach sibh a tha a' dol iomrall, chionns nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè! 25Nuair a dh'èireas na mairbh, cha bhi iad a' pòsadh no air am pòsadh, ach bidh iad mar tha na h‑ainglean ann an nèamh. 26#Ecs 3.6A thaobh èirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì a sgrìobh Maois man phreas, 's mar a bhruidhinn Dia ris, ag ràdh: ‘Is mise Dia Abrahàim, Dia Isaaic agus Dia Iacoib.’ 27Chan e Dia nam marbh a th'ann, ach Dia nam beò. Tha sibh fada, fada ceàrr.”
An Aithne as Motha
28Chuala fear dhe na sgrìobhaichean an deasbad, agus mhothaich e gun tug Iosa an deagh fhreagairt dhaibh. Thàinig e 's dh'fhaighnich e dheth, “Dè an àithne a tha a' toirt bàrr air na h‑àithntean uile?”
29 # Deut 6.4-5 Fhreagair Iosa, “Seo a' cheud àithne: ‘Cluinn, O Israel! An Tighearna ar Dia, is esan an aon Tighearna. 30Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe 's led uile anam 's led uile inntinn 's led uile neart.’ 31#Lebh 19.18Seo an dara tè: ‘Gràdhaichidh tu do nàbaidh mar thu-fhèin. Chan eil àithne ann as motha na iad seo.’ ”
32 # Deut 4.35 Thuirt an sgrìobhaiche ris, “Is math a fhreagair thu, a Mhaighistir; tha an fhìrinn agad. 'Se aon Dia a th'ann, agus chan eil ann ach esan. 33#Hos 6.6Ma ghràdhaicheas duine esan le uile chridhe, le uile thuigse, 's le uile neart, 's ma ghràdhaicheas e a nàbaidh mar e‑fhèin, tha sin mòran nas fheàrr na a bhith ag ìobradh bheathaichean is rudan eile do Dhia.”
34Chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu glic, 's thuirt e ris, “Chan eil thu fada bho rìoghachd Dhè.”
An dèidh sin, cha robh duine cho dàna 's gun cuireadh e ceist air.
An e Crìosd Mac Dhàibhidh?
35Nuair a bha Iosa a' teagasg anns an teampall, dh'fhaighnich e dhen t‑sluagh, “Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e an Crìosd mac Dhàibhidh? 36#Salm 110.1Oir tha Dàibhidh fhèin ag ràdh fo bhuaidh an Spioraid Naoimh:
‘Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna-sa,
Suidh air mo làimh dheis,
gus an cuir mi do nàimhdean fod chasan.’
37“Tha Dàibhidh fhèin ga ainmeachadh mar a Thighearna. Ciamar mar sin as urrainn dha a bhith na mhac dha?”
Rabhadh mu na Sgrìobhaichean
Bha an sluagh gu lèir ag èisdeachd ris le tlachd. 38Nuair a bha e gan teagasg, thuirt e riu, “Thoiribh an aire roimh na sgrìobhaichean, 's iad cho dèidheil air a bhith a' dol man cuairt ann an cleòcan fada, agus daoine a bhith gam fàilteachadh ann am meadhon a' bhaile. 39'S toigh leo cuideachd suidheachain sa cheud sreath a bhith aca anns an t‑sionagog, 's ceann a' bhùird a bhith aca aig na cuirmean. 40Bidh a' cheart fheadhainn a' spùinneadh taighean bhanntraichean, 's a' dèanamh ùmaighean fada air sgàth a bhith mòr. 'Sann as cruaidhe a bhios an dìteadh a gheibh iad.”
Aʼ Bhanntrach Bhochd
41Shuidh Iosa mu choinneamh àite-tionail an airgid san teampall, 's bha e gabhail beachd mar a bha daoine a' cur ann. Bha mòran dhaoine beairteach a' cur airgead mòr ann. 42Thàinig an‑uairsin banntrach bhochd, agus thilg ise ann dà bhonn bheag nach b'fhiach urad ri sgillinn. 43Ghairm e thuige a dheisciobail, 's thuirt e riu, “Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh gun tug a' bhanntrach bhochd seo barrachd seachad na thug càch gu lèir. 44Oir chuir iadsan ann a‑rèir am pailteis, ach chuir ise ann am beagan a bh'aice, a beòshlaint uile.”

Àwon tá yàn lọ́wọ́lọ́wọ́ báyìí:

Marcus 12: GLD

Ìsàmì-sí

Pín

Daako

None

Ṣé o fẹ́ fi àwọn ohun pàtàkì pamọ́ sórí gbogbo àwọn ẹ̀rọ rẹ? Wọlé pẹ̀lú àkántì tuntun tàbí wọlé pẹ̀lú àkántì tí tẹ́lẹ̀