Mata 5

5
Ro‑Ràdh dhan t‑Searmon air a' Bheinn
1Nuair a chunnaic Ìosa an sluagh, chaidh e suas air a' bheinn, agus nuair a shuidh e, thàinig a dheisciobail thuige. 2Agus dh'fhosgail e a bheul agus theagaisg e iad, ag ràdh:
Na Beannachdan
3“Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad,
oir is leotha rìoghachd nèimh.
4Is beannaichte iadsan a tha fo bhròn,
oir gheibh iad cofhurtachd.
5Is beannaichte iadsan a tha macanta,
oir sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd.
6Is beannaichte iadsan air a bheil acras is pathadh na fìreantachd,
oir thèid an sàsachadh.
7Is beannaichte iadsan a tha tròcaireach,
oir gheibh iad tròcair.
8Is beannaichte iadsan a tha fìorghlan nan cridhe,
oir chì iad Dia.
9Is beannaichte luchd‑dèanamh na sìthe,
oir thèid clann Dhè a ghabhail orra.
10Is beannaichte an fheadhainn a tha a' fulang geur‑leanmhainn
air sgàth fìreantachd,
oir is leothasan rìoghachd nèimh.
11“Is beannaichte a tha sibh nuair a chronaicheas daoine sibh, agus a nì iad geur‑leanmhainn oirbh, agus a chanas iad a h‑uile seòrsa uilc nur n‑aghaidh gu breugach air mo sgàth‑sa. 12Dèanaibh gàirdeachas agus bithibh toilichte, oir is mòr ur duais ann an nèamh, oir mar sin rinn iad geur‑leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.
Salann agus Solas
13“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.
14“Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan eil e an comas baile a tha suidhichte air beinn fhalach. 15Cha mhotha a tha daoine a' lasadh lampa agus ga cur fo shoitheach, ach air an lampair, agus tha i a' soillseachadh an taighe gu lèir. 16Mar sin, leigibh le ur solas deàlrachadh mu choinneamh dhaoine, airson 's gum faic iad ur deagh obraichean agus gun toir iad glòir dhar n‑Athair a tha ann an nèamh.
Coileanadh an Lagha
17“Na smaoinichibh gun tàinig mise a chur às dhan Lagh no dha na Fàidhean; cha tàinig mi airson cur às dhaibh ach airson an coileanadh. 18Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, gus an tèid nèamh agus talamh seachad, cha tèid an litir as lugha, no aon stràc dhen Lagha seachad, gus an tèid a h‑uile rud a choileanadh. 19Mar sin ge b' e neach a bhriseas aon dhe na h‑àitheantan as lugha seo agus a theagaisgeas do dhaoine eile an aon rud a dhèanamh, thèid an duine as lugha ann an rìoghachd nèimh a ghabhail air. Ach ge b' e neach a nì iad agus a theagaisgeas iad, thèid duine mòr a ghabhail air ann an rìoghachd nèimh. 20Oir tha mi ag ràdh ribh, mura bi barrachd fìreantachd agaibhse na tha aig na sgrìobhaichean is na Pharasaich, nach tèid sibh idir a‑steach do rìoghachd nèimh.
Murt is Fearg
21“Chuala sibh gun deach a ràdh riuthasan o shean, ‘Na dèan murt’#Ecs. 20:13; agus ge b' e neach a nì murt, bidh e buailteach air breitheanas. 22Ach tha mise ag ràdh ribh gum bi a h‑uile neach a tha feargach ri bhràthair buailteach air breitheanas; ge b' e neach a chanas ri bhràthair, ‘A ghloidhc!’ gum bi e ann an cunnart na Comhairle; ach ge b' e neach a chanas ‘Amadain!’ gum bi e ann an cunnart teine Ifrinn.
23“Mar sin ma tha thu a' tairgsinn do thiodhlac air an altair agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil rudeigin aig do bhràthair nad aghaidh, 24fàg do thiodhlac an sin mu choinneamh na h‑altarach. Agus thalla an toiseach 's dèan rèite rid bhràthair, is an uair sin thig agus tairg do thiodhlac.
25“Bi rèidh gu luath ris an neach a tha a' cur casaid nad aghaidh fhad 's a tha thu còmhla ris air an t‑slighe, air eagal 's gun toir an neach‑casaid thairis dhan bhritheamh thu, agus gun toir am britheamh dhan oifigear thu, agus gun tèid do thilgeil ann am prìosan. 26Gu fìrinneach tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach às a sin gus am pàigh thu an sgillinn mu dheireadh.
Adhaltranas
27“Chuala sibh gun deach a ràdh, ‘Na dèan adhaltranas.’#Ecs. 20:14 28Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil a h‑uile neach a choimheadas air boireannach le droch mhiann mu thràth air adhaltranas a dhèanamh leatha na chridhe. 29Ma bhios do shùil dheas na h‑adhbhar peacaidh dhut, spìon a‑mach i agus tilg uat i. Oir is fheàrr dhut gun caill thu aon dhed bhuill na gum biodh do chorp gu lèir air a thilgeil a dh'Ifrinn. 30Agus ma bhios do làmh dheas na h‑adhbhar peacaidh dhut, geàrr dhìot i agus tilg uat i. Oir is fheàrr dhut gun caill thu aon dhed bhuill na gum biodh do chorp gu lèir air a thilgeil a dh'Ifrinn.
Dealachadh‑Pòsaidh
31“Chaidh a ràdh cuideachd, ‘Ge b' e a chuireas a bhean‑phòsta air falbh, thoireadh e teisteanas‑dealachaidh dhi.’#Deut. 24:1 32Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil a h‑uile neach a chuireas a bhean air falbh, ach a‑mhàin airson strìopachais, a' toirt oirre adhaltranas a dhèanamh; agus ge b' e a phòsas bean a chaidh a cur air falbh, tha e a' dèanamh adhaltranais.
Mionnain
33“A‑rithist chuala sibh gun deach a ràdh riuthasan o shean, ‘Na toir mionnan bhreugach, ach coileanaidh tu do mhionnain dhan Tighearna.’ 34Ach tha mise ag ràdh ribh, na toiribh mionnan idir, eadhon air nèamh, oir is e rìgh‑chathair Dhè a th' ann, 35no air an talamh, oir is e stòl a chois a th' ann, no air Ierusalem, oir is e baile an Rìgh Mhòir a th' ann. 36Agus na toir mionnan air do cheann, oir chan urrainn dhut aon fhuiltean a dhèanamh geal no dubh. 37Ach gum b' e ur cainnt ‘'S e’, ‘'S e’, ‘Chan e’, ‘Chan e’; rud sam bith a bharrachd air a seo, 's ann on olc a tha e.
Sùil airson Sùla
38“Chuala sibh gun deach a ràdh, ‘Sùil airson sùla, agus fiacail airson fiacla.’#Ecs. 21:24; Lebh. 24:20; Deut. 19:21 39Ach tha mise ag ràdh ribh, na seasaibh an aghaidh neach a tha olc. Ach ma bhuaileas neach sam bith thu air do ghruaidh dheas, tionndaidh an tèile thuige cuideachd. 40Agus ma tha neach sam bith ag iarraidh do thoirt gu lagh agus falbh le do lèine‑fhada, leig leis do bhad aodaich fhaighinn cuideachd. 41Agus ma bheir neach sam bith ort a dhol aon mhìle, thalla còmhla ris dà mhìle. 42Thoir dhan neach a dh'iarras ort agus na tionndaidh air falbh on neach a tha ag iarraidh iasad ort.
Gràdh do Nàimhdean
43“Chuala sibh gun deach a ràdh, ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach’#Lebh. 19:18 agus fuathaichidh tu do nàmhaid. 44Ach tha mise ag ràdh ribh, Gràdhaichibh ur nàimhdean agus dèanaibh ùrnaigh air an son‑san a tha a' dèanamh geur‑leanmhainn oirbh, 45airson 's gum bi sibh nur cloinn dhur n‑Athair a th' air nèamh. Oir tha esan a' toirt air a' ghrèin aigesan èirigh air na daoine olca agus air na daoine matha, agus a' cur uisge air na fìreanan agus air na neo‑fhìreanan. 46Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan a tha gur gràdhachadh, dè an duais a th' agaibh? Nach eil fiù 's na cìs‑mhaoir a' dèanamh an aon rud? 47Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean a‑mhàin, dè a tha sibh a' dèanamh thar chàich? Nach eil fiù 's na Cinnich a' dèanamh an aon rud? 48Mar sin bithibh‑se coileanta, mar a tha ur n‑Athair nèamhaidh coileanta.

Àwon tá yàn lọ́wọ́lọ́wọ́ báyìí:

Mata 5: ATN

Ìsàmì-sí

Pín

Daako

None

Ṣé o fẹ́ fi àwọn ohun pàtàkì pamọ́ sórí gbogbo àwọn ẹ̀rọ rẹ? Wọlé pẹ̀lú àkántì tuntun tàbí wọlé pẹ̀lú àkántì tí tẹ́lẹ̀

Àwọn fídíò fún Mata 5