I. Esdras 7

7
CAIB. VII.
1An sin Sisinnes uachdaran Chelosiria agus Phenice, agus Sathrabusanes, le ʼn cuideachd, aʼ toirt géill do àitheantaibh rìgh Dhariuis,
2Sheall iad le ro chùram thairis air na h‑oibribh naomha, aʼ cuideachadh le seanairibh nan Iudhach, agus le uachdaranaibh an teampuill.
3Agus mar so shoirbhich na h‑oibre naomha, an uair a rinn na fàidhean Aggeus agus Sacharias fàidheadaireachd.
4Agus chrìochnaich iad na nithe sin le òrdugh Thighearna Dhé Israeil, agus le aontachadh Chìruis, Dharius, agus Artacsercseis, rìghre Phersia.
5Agus mar so chrìochnuicheadh an tigh naomh anns an treas là thar an fhichead do ʼn mhìos Adar, ann an sèathamh bliadhna Dhariuis rìgh Phersia.
6Agus rinn clann Israeil, na sagartan, agus na Lebhithich, agus cuid eile a bha do ʼn bhràighdeanas a bha air an àireamh maille riù, a réir nan nithe a sgrìobhadh ann an leabhar Mhaois.
7Agus aig coisrigeadh teampuill an Tighearna dhʼ ìobair iad ceud tarbh òga, dà cheud reithe, ceithir cheud uan:
8Agus dà bhoc dheug gaibhre mar ìobairt‑pheacaidh air son Israeil uile, a réir àireimh cheann threubh Israeil.
9Sheas na sagarta mar an ceudna agus na Lebhithich air an sgeudachadh ʼnan trusgannaibh a réir an cinneach, ann an seirbhis Thighearna Dhé Israeil, a réir leabhair Mhaois: agus na dorsairean aig na geataibh.
10Agus chùm clann Israeil aʼ bhràighdeanais aʼ chàisg air aʼ cheathramh là deug do ʼn cheud mhìos, an déigh do na sagartaibh agus na Lebhithich a bhi air an naomhachadh,
11Cha do naomhaicheadh iadsan uile cuideachd a bha do ʼn bhràighdeanas: ach naomhaicheadh na Lebhithich uile cuideachd.
12Agus mar so thairg iad aʼ chàisg air an sonsan uile a bha do ʼn bhràighdeanas, agus air son nan sagart am bràithrean, agus air an son fein.
13Agus dhʼ ith clann Israeil a thàinig a mach as aʼ bhràighdeanas, eadhon iadsan uile a dhealaich iad fein o ghràineileachdan sluaigh na tìre, agus a dhʼ iarr an Tighearna.
14Agus chùm iad féill an arain neo‑ghoirtichte seachd làithean, aʼ deanamh cridhealais an làthair an Tighearna;
15Do bhrìgh gun do thionndaidh e comhairle rìgh Assiria air an taobh, chum an làmhan a neartachadh ann an oibribh Thighearna Dhé Israeil.

Поточний вибір:

I. Esdras 7: MacGAP

Позначайте

Поділитись

Копіювати

None

Хочете, щоб ваші позначення зберігалися на всіх ваших пристроях? Зареєструйтеся або увійдіть