Mata 7
7
A' Toirt Breith air Feadhainn Eile
1“Na toiribh breith, airson 's nach tèid breith a thoirt oirbh. 2Oir leis a' bhreith leis an toir sibh breith, thèid breith a thoirt oirbh, agus leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuibh.
3“Carson a tha thu a' faicinn na speilg a tha ann an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a' mothachadh dhan t‑sail a tha nad shùil fhèin? 4No ciamar as urrainn dhut a ràdh rid bhràthair, ‘Leig leam an spealg a spìonadh às do shùil,’ nuair a tha an t‑sail na do shùil fhèin? 5A chealgair, an toiseach thoir an t‑sail às do shùil fhèin, agus an uair sin chì thu gu soilleir airson na speilg a thoirt à sùil do bhràthar.
6“Na toiribh an rud naomh dha na coin agus na tilgibh ur neamhnaidean mu choinneamh nam muc, gun fhios nach saltair iad orra len casan agus a' tionndadh gun reub iad sibhse às a chèile.
Iarr, Sir, Gnog
7“Iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus lorgaidh sibh; gnogaibh agus thèid fhosgladh dhuibh. 8Oir tha a h‑uile neach a tha ag iarraidh a' faighinn, agus tha an neach a tha a' sireadh a' lorg, agus dhan neach a ghnogas thèid fhosgladh.
9“No cò an duine a tha nur measg‑se, ma dh'iarras a mhac aran air, a bheir clach dha? 10No ma dh'iarras e iasg, a bheir nathair dha? 11Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach motha na sin a bheir ur n‑Athair a th' air nèamh rudan matha dhaibhsan a dh'iarras air? 12Mar sin, a h‑uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‑se dhaibhsan cuideachd, oir is e seo an Lagh is na Fàidhean.
Na Geatachan Cumhang is Farsaing
13“Rachaibh a‑steach tron gheata chumhang. Oir is farsaing an geata agus is leathann an t‑slighe a tha a' treòrachadh gu sgrios, agus tha mòran ann a tha a' dol a‑steach troimhe. 14Oir is cumhang an geata agus is caol an t‑slighe a tha a' treòrachadh gu beatha agus is gann iadsan a tha ga lorg.
Craobh agus a Toradh
15“Thoiribh an aire dha na fàidhean brèige, a thig thugaibh ann an aodach chaorach ach air an taobh a‑staigh a tha nam madaidhean‑allaidh le acras mòr orra. 16Air an toradh aithnichidh sibh iad. 'S cinnteach nach eil dearcan‑fìona air an cruinneachadh o dhroigheann, no fìgean o chluarain? 17Mar sin bheir a h‑uile craobh mhath a‑mach toradh math, ach bheir an droch chraobh a‑mach droch thoradh. 18Chan urrainn do chraoibh mhath droch thoradh a thoirt a‑mach; cha mhotha as urrainn do dhroch chraoibh toradh math a thoirt a‑mach. 19Gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos agus thèid a tilgeil dhan teine. 20Mar sin is ann air an toradh a dh'aithnicheas sibh iad.
21“Chan e a h‑uile neach a chanas riumsa, ‘A Thighearna, a Thighearna’ a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh, ach an neach a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh. 22Canaidh mòran rium air an latha sin, ‘A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd nad ainm‑sa, agus nad ainm‑sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus nad ainm‑sa nach do rinn sinn tòrr obraichean cumhachdach?’ 23Agus an uair sin canaidh mise gu follaiseach riutha, ‘Cha b' aithne dhomh riamh sibh, thallaibh uam a luchd‑dèanamh na h‑eucoir.’
An Luchd‑Togail Glic is Amaideach
24“Mar sin a h‑uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, bidh e coltach ri duine glic a thog a thaigh air a' chreig. 25Agus thuit an t‑uisge a‑nuas, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan is bhuail iad air an taigh sin, ach cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air a' chreig. 26Agus a h‑uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach dèan iad, bidh e coltach ri duine amaideach a thog a thaigh air a' ghainmhich. 27Agus thuit an t‑uisge a‑nuas, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan is bhuail iad air an taigh sin, agus thuit e, agus bha a thuiteam mòr.” 28Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san, 29oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b' ann mar na sgrìobhaichean aca fhèin.
Поточний вибір:
Mata 7: ATN
Позначайте
Поділитись
Копіювати
Хочете, щоб ваші позначення зберігалися на всіх ваших пристроях? Зареєструйтеся або увійдіть
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017
© Scottish Bible Society 2017