Mata 10
10
Ìosa a' Cur an Dà Fhear Dheug A‑Mach
1Agus ghairm e thuige fhèin a dhà dheisciobal dheug agus thug e ùghdarras dhaibh thairis air spioradan neòghlan, airson an tilgeil a‑mach, agus airson a h‑uile tinneas is a h‑uile seòrsa bochdainn a shlànachadh.
2Is iad seo ainmean an dà abstol dheug: a' chiad fhear, Sìmon, ris an canar Peadar, agus Anndra a bhràthair; Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair; 3Philip agus Bartolomèus; Tòmas agus Mata an cìs‑mhaor; Seumas mac Alphèuis, agus Tadèus; 4Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, a bhrath Ìosa.
5Chuir Ìosa a‑mach an dà fhear dheug seo, ag àithne dhaibh, “Na rachaibh gu slighe nan Cinneach agus na rachaibh a‑steach do bhaile Shamaritanach, 6ach an àite sin thallaibh gu caoraich chaillte taigh Israeil. 7Agus fhad 's a tha sibh a' siubhal, searmonaichibh, ag ràdh, ‘Tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.’ 8Leighisibh an fheadhainn a tha tinn, togaibh na mairbh, glanaibh na lobhair, tilgibh a‑mach deamhainnean. An‑asgaidh fhuair sibh, an‑asgaidh thoiribh seachad. 9Na sealbhaichibh òr no airgead no umha airson ur sporain, 10no baga airson na slighe, no dà lèine‑fhada, no cuarain, no bata, oir is airidh an t‑obraiche air a bhiadh.
11“Agus ge b' e baile mòr no baile beag dhan tèid sibh a‑steach, faighibh a‑mach cò a tha airidh ann agus fanaibh an sin gus am fàg sibh. 12Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, thoiribh ur fàilte dha. 13Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air, ach mura h‑eil e airidh, tilleadh ur sìth thugaib' fhèin. 14Agus mura gabh no nach èist neach sam bith ri ur briathran, crathaibh an dust o ur casan nuair a dh'fhàgas sibh an taigh no am baile sin. 15Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh gum bi e nas fhasa do thìr Shodoim is Ghomorrah fulang air latha a' bhreitheanais na bhios e dhan bhaile sin. 16Seall, tha mi gar cur a‑mach mar chaoraich am measg mhadaidhean‑allaidh; mar sin bithibh cho glic ri nathraichean agus cho neoichiontach ri calmain.
17“Bithibh air ur faiceall o dhaoine, oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan 18agus thèid ur toirt mu choinneamh riaghladairean agus rìghrean air mo sgàth‑sa, mar fhianais dhaibhsan agus dha na Cinnich. 19Nuair a bheir iad thairis sibh, na bithibh fo chùram a thaobh mar a bhruidhneas sibh no dè a chanas sibh, oir bidh na chanas sibh air a thoirt dhuibh san uair sin. 20Oir chan e sibhse a bhruidhneas, ach 's e Spiorad ur n‑Athar a bhruidhneas annaibh.
21“Bheir bràthair bràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh clann an aghaidh am pàrantan agus cuiridh iad gu bàs iad 22agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh. 23Agus nuair a nì iad geur‑leanmhainn oirbh ann an aon bhaile, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach bi sibh air sgur a dhol air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
24“Chan eil deisciobal os cionn a neach‑teagaisg, no seirbheiseach os cionn a mhaighstir. 25Is leòr dhan dheisciobal a bhith coltach ris an neach‑teagaisg aige, agus dhan t‑seirbheiseach a bhith coltach ri a mhaighstir. Ma ghabh iad Beelsebul air maighstir an taighe, nach motha a nì iad sin air a theaghlach!
26“Mar sin na biodh eagal oirbh romhpa, oir chan eil rud sam bith falaichte nach tèid fhoillseachadh agus air a chleith nach tèid a dhèanamh aithnichte. 27Na dh'innseas mise dhuibh san dorchadas, canaibh e san t‑solas, agus an nì a chluinneas sibh sa chluais, searmonaichibh air mullach nan taighean e. 28Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn. 29Nach eil dà ghealbhonn air an reic air sgillinn? Agus cha tuit aon dhiubh gu talamh às aonais ur n‑Athar‑se. 30Ach tha fiù 's fuiltein ur cinn gu lèir air an àireamh. 31Mar sin na biodh eagal oirbh; 's fhiach sibhse barrachd na mòran ghealbhonn.
32“Mar sin ge b' e a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh. 33Ach ge b' e a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, àicheidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh.
34“Na smaoinichibh gun tàinig mise a thoirt sìthe air thalamh. Chan ann a thoirt sìthe a thàinig mi, ach claidheamh. 35Oir thàinig mi a chur
“‘duine an aghaidh athar,
agus nighean an aghaidh a màthar,
agus nighean‑cèile an aghaidh a màthar‑cèile –
36agus is iad na nàimhdean aig duine muinntir a theaghlaich fhèin.’#Micah 7:6
37“Ge b' e cò a ghràdhaicheas athair no màthair nas motha na mise, chan eil e airidh orm, agus ge b' e cò a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‑sa, chan eil e airidh orm. 38Agus ge b' e cò nach tog a chrann‑ceusaidh agus nach lean mise, chan eil e airidh orm. 39Ge b' e cò a lorgas a bheatha, caillidh e i, agus ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, lorgaidh e i.
40“Ge b' e cò a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa, agus ge b' e a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an Aon a chuir a‑mach mi. 41An neach a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh, agus an neach a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein. 42Agus ge b' e cò a bheir fiù 's cupa uisge fuar do dh'aon dhen fheadhainn bheaga seo, a chionn 's gur e deisciobal a th' ann, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais air chor sam bith.”
Поточний вибір:
Mata 10: ATN
Позначайте
Поділитись
Копіювати
Хочете, щоб ваші позначення зберігалися на всіх ваших пристроях? Зареєструйтеся або увійдіть
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017
© Scottish Bible Society 2017