Marcus 15

15
Iosa agus Pìlat
1Aʼ cheud char sa mhadainn, thàinig na h‑àrd-shagairt, na h‑athraichean 's na sgrìobhaichean an ceann a chèile; bha an àrd-chomhairle gu lèir cruinn. Cheangail iad Iosa, 's shlaod iad leo e, ga thoirt thairis do Phìlat. 2Dh'fhaighnich Pìlat dheth, “An tusa rìgh nan Iùdhach?”
Fhreagair esan, “'S tu‑fhèin a thubhairt e.”
3Bha na h‑àrd-shagairt a' cur mòran rudan ás a leth. 4Dh'fhaighnich Pìlat dheth a‑rithist, “Nach eil nì sam bith agad ri ràdh? Seall na tha iad a' togail nad aghaidh.”
5Ach cha tuirt Iosa an còrr, 's chuir seo ioghnadh air Pìlat.
“Ceus e!”
6A‑nis, aig a h‑uile Fèill-Càisge, bha e na chleachdadh aig Pìlat aon phrìosanach a leigeil ma sgaoil, fear sam bith a dh'iarradh iad. 7Bha fear ris an canadh iad Barabas air a churnail fo ghlais còmhla ris na reubaltaich eile a rinn mort ann an ar‑a‑mach an aghaidh an riaghaltais. 8Thàinig an sluagh far an robh Pìlat agus dh'iarr iad air dèanamh dhaibh mar a chleachd e. 9Thuirt esan riu, “Am bu mhath leibh gun leiginn rìgh nan Iùdhach ma sgaoil dhuibh?” 10Oir bha e a' tuigsinn gum b'e farmad a thug air na h‑àrd-shagairt Iosa a chur an sàs.
11Ach phiobraich na h‑àrd-shagairt an sluagh feuch an leigeadh e ás Barabas dhaibh an àite Iosa. 12Thuirt Pìlat riu a‑rithist, “Dè bu mhath leibh mi a dhèanamh leis an fhear ris an can sibh rìgh nan Iùdhach?”
13Dh'eubh iadsan ris, “Ceus e!”
14Thuirt Pìlat riu, “Carson; dè an t‑olc a rinn e?” Ach dh'eubh iadsan na b'àirde buileach, “Ceus e!”
15Bha Pìlat air son an sluagh a riarachadh, 's leig e ás Barabas dhaibh. Thug e orra Iosa a chuipeadh, 's an‑uairsin thug e thairis e gu bhith air a cheusadh.
Na Saighdearan a' Magadh air
16Dh'fhalbh na saighdearan leis a‑steach dhan lùchairt ris an canadh iad am Praetorium, agus ghairm iad còmhla an còrr dhen àireamh. 17Chuir iad cleòca purpaidh air, 's dh'fhigh iad crùn dhrisean 's chuir iad ma cheann e. 18Thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh ris, “Slàn gum bì thu, a rìgh nan Iùdhach!” 19Bha iad ga bhualadh air a' cheann le slait-chuilc. Bha iad a' tilgeil smugaidean air 's a' dol air an glùinean mar gum biodh iad a' toirt urraim dha. 20An dèidh dhaibh magadh a dhèanamh air, thug iad dheth an cleòca purpaidh, 's chuir iad aodach fhèin air. Dh'fhalbh iad leis airson a cheusadh.
Iosa air a Cheusadh
21Thachair gun robh Iùdhach à Cirene a' gabhail seachad 's e air a shlighe a‑steach bhon dùthaich. Rinn iad grèim airsan, 's thug iad air crann-ceusaidh Iosa a ghiùlan. ('Se Sìmon an t‑ainm a bh'air, athair Alasdair is Rùfais.) 22Thug iad Iosa a dh'ionnsaigh an àite ris an canadh iad Golgòta, 'se sin ri ràdh, Aite a' Chlaiginn. 23Bha iad a' tairgse dha fìon air a mheasgadh le mirr, ach cha ghabhadh e idir e. 24#Salm 22.18Agus cheus iad e. Roinn iad a chuid aodaich nam measg fhèin, a' cur chrann feuch dè gheibheadh gach fear. 25Bha e naoi uairean sa mhadainn nuair a cheus iad e. 26'Se an nì a bha sgrìobhte mar adhbhar a dhìtidh: RIGH NAN IUDHACH. 27Còmhla ris cheus iad dithis robairean, fear air a làimh dheis, 's am fear eile air a làimh chlì. [28]
29 # Salm 22.7, 109.25 Bha an fheadhainn a bha a' dol seachad a' dèanamh fanaid air, 's iad a' crathadh an cinn, 's ag ràdh, “Huh! 'S tusa am fear a bha a' dol a leagail an teampaill, 's ga thogail a‑rithist an ceann trì là! 30Sàbhail thu-fhèin, 's thig a‑nuas dhen chrann!”
31Air an aon dòigh bha na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean a' fanaid air nam measg fhèin, 's ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile, ach chan eil e na chomas e‑fhèin a shàbhaladh. 32Thigeadh a‑nis an Crìosd, Rìgh Israel, a‑nuas bhon chrann-cheusaidh 's gum faic sinn e ga dhèanamh, 's gun creid sinn ann.” Bha an fheadhainn a chaidh a cheusadh còmhla ris a' dèanamh tàir air cuideachd.
Bàs Iosa
33Aig meadhon-là, thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, a mhair gu trì uairean feasgar. 34#Salm 22.1Aig trì uairean, dh'eubh Iosa le guth mòr, “Eloi, Eloi, lama sabachthani?”, 'se sin ri ràdh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a tha thu air mo thrèigsinn?”
35Nuair a chuala feadhainn dhe na bha nan seasamh man cuairt an glaodh aige, thuirt iad, “Eisdibh! Tha e a' gairm air Eliah.” 36#Salm 69.21Ruith fear thuige le spuinns air a lìonadh le fìon geur. Shìn e dha air cuilc i, feuch an òladh e, 's e ag ràdh, “Fàgaibh e 's gum faic sinn an tig Eliah ga thoirt a‑nuas bhon chrann.”
37Leig Iosa eubh mhòr ás, 's dh'fhalbh an anail ás.
38 # Ecs 26.31-33 'S bha cùirtear an teampaill air a shracadh na dhà leth, bho mhullach gu bonn. 39Nuair a chunnaic an t‑oifigeach a bha na sheasamh ma choinneamh mar a chrìochnaich e, thuirt e, “Chan eil teagamh nach e Mac Dhè a bha san fhear seo.”
40Bha boireannaich ann cuideachd a bha ga choimhead pìos bhuaithe. Nam measg bha Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais Oig is Ioseis, agus Salome. 41Nuair a bha e ann an Galile, bhiodh iad seo ga leantainn 's a' frithealadh dha. Bha mòran bhoireannaich eile ann cuideachd a thàinig suas a dh'Ierusalem còmhla ris.
Iosa san Uaigh
42Nuair a thàinig am feasgar, a chionns gur e là an ullachaidh a bh'ann, an là ron t‑Sàbaid, nochd Iòseph à Arimatèa, 43fear a bha ainmeil anns a' chomhairle. Bha dùil aigesan e‑fhèin ri rìoghachd Dhè. Bha de mhisneach aige 's gun deach e a‑steach gu Pìlat, 's dh'iarr e corp Iosa air. 44Chuir e ioghnadh air Pìlat gun robh Iosa marbh cho luath. Chuir e fios air oifigeach, 's dh'fhaighnich e dheth an robh Iosa dha-rìribh marbh. 45Nuair a chuala e bhuaithe gun robh e marbh, thug e an corp do dh'Iòseph. 46Cheannaich esan lèine-mharbh, 's nuair a thug e Iosa a‑nuas, phaisg e san anart e. Chàirich e an‑uairsin e ann an uaigh a chaidh a chladhach a‑mach ás a' chreig, 's rinn e clach a charadh gu doras na h‑uaighe. 47Bha Màiri à Magdala agus Màiri màthair Ioseis a' gabhail beachd air an àite far an deach an corp a chur.

ที่ได้เลือกล่าสุด:

Marcus 15: GLD

เน้นข้อความ

แบ่งปัน

คัดลอก

None

ต้องการเน้นข้อความที่บันทึกไว้ตลอดทั้งอุปกรณ์ของคุณหรือไม่? ลงทะเบียน หรือลงชื่อเข้าใช้