Marcus 14

14
Dòigh air a Ghlacadh
1 # Ecs 12.1-27 Bha dà là ann mus tòisicheadh a' Chàisg agus Fèill an Arain Neo-ghoirtichte, 's dh'fheuch na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean ri dòigh chealgach fhaighinn air Iosa a ghlacadh 's a mharbhadh. 2Oir bha iad ag ràdh, “Chan eil math dhuinn a ghlacadh aig àm na fèille, gun fhios nach bi aimhreit a‑measg an t‑sluaigh.”
Iosa ann am Betani
3Nuair a bha e ann am Betani, 's e na shuidhe a' gabhail a bhìdh ann an taigh Shìmoin, an lobhar, thàinig boireannach a‑steach le soitheach alabastair làn de dh'fhìor ola nàrd, a bha glè chosgail. Bhrist i an soitheach, 's dhòirt i an ola air ceann Iosa. 4Bha feadhainn ann a bha ag ràdh gu diumbach, “Carson a chaidh an ola a chur gu mì‑fheum mar seo? 5Dh'fhaodte a reic air tuilleadh is trì cheud denàrius, 's an t‑airgead a thoirt dha na bochdan.” Bha iad a' cànran ma deidhinn.
6Ach thuirt Iosa, “Leigibh leatha; carson a tha sibh ga sàrachadh? Rinn i deagh ghnìomh dhòmhsa. 7#Deut 15.11Tha na bochdan agaibh daonnan, agus faodaidh sibh an cuideachadh uair sam bith a thogras sibh, ach cha bhi mise agaibh daonnan. 8Rinn i na b'urrainn dhi; thàinig i roimh-làimh a dh'ungadh mo chuirp air son na h‑uaighe. 9Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre 's gach àite san tèid an Deagh Sgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir.”
Iùdas agus na h‑Ard-shagairt
10Dh'fhalbh Iùdas Iscariot, aon dhen dà fhear dheug, far an robh na h‑àrd-shagairt, 's e airson Iosa a thoirt thairis dhaibh. 11Nuair a chuala iadsan seo, chuir e sunnd math orra, 's gheall iad airgead a thoirt dha. Bha esan a' feitheamh cothrom ceart air Iosa a thoirt seachad dhaibh.
Ullachadh na Càisge
12Air a' cheud là de dh'Fhèill an Arain Neo-ghoirtichte, nuair a bhiodhte a' marbhadh uan na Càisge, thuirt a dheisciobail ris, “Càite am bu mhath leat sinn ullachadh a dhèanamh dhut airson biadh na Càisge ithe?”
13Chuir e air falbh dithis dhiubh, 's thuirt e riu, “Rachaibh a‑steach a dh'Ierusalem, agus coinnichidh duine ruibh 's e giùlan soitheach uisge. Leanaibh e. 14Nuair a thèid e a‑steach a thaigh, canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Maighistir ag ràdh, “Càite bheil an rùm agamsa, far an ith mi‑fhìn 's mo dheisciobail biadh na Càisge?” ’ 15Seallaidh e dhuibh rùm mòr shuas an staidhre, 's e air a dheasachadh. Dèanaibh ullachadh dhuinn ann an sin.”
16Dh'fhalbh na deisciobail a‑steach dhan bhaile. Thachair gach nì dìreach mar a thuirt e riu, 's dheasaich iad biadh na Càisge.
“Nì Fear agaibh mo Bhrath”
17Anmoch feasgar, thàinig Iosa còmhla ris an dà fhear dheug. 18#Salm 41.9Nuair a bha iad aig a' bhòrd ag ithe, thuirt e riu, “Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh gu bheil fear agaibh a nì mo bhrath, fear dhe na tha ag ithe còmhla rium.”
19Dh'fhàs iad dubhach, 's thuirt fear ma seach, “Chan e mise th'ann, an e?”
20Thuirt esan riu, “'Se fear dhen dà fhear dheug a th'ann, a tha bogadh arain anns an aon t‑soitheach rium. 21Oir tha Mac an Duine a' falbh mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach 's mairg dhàsan a nì a bhrath. B'fheàrr dhan fhear sin nach d'rugadh riamh e.”
Suipear an Tighearna
22Nuair a bha iad ag ithe, thog e pìos arain, 's thug e taing do Dhia air a shon. Bhrist e na chriomagan e, 's thug e dhaibh e, ag ràdh, “Gabhaibh e, is e seo mo chorp-sa.”
23An dèidh sin thog e cupa, 's nuair a thug e taing air a shon thug e dhaibh e, 's dh'òl iad uile ás. 24Thuirt e riu, “Is e seo m'fhuil-sa, fuil a' chùmhnaint, a th'air a dòrtadh ás leth mòran dhaoine. 25Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh nach òl mi tuilleadh de thoradh an fhìonain gus an là san òl mi ùr e ann an rìoghachd Dhè.”
26Nuair a sheinn iad salm, chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Craobh-ola.
“Nì Thusa m'Aicheadh”
27Thuirt Iosa riu, “Gabhaidh sibh uile nàire dhiom, oir tha e sgrìobhte: ‘Marbhaidh mi am buachaille, agus bidh na caoraich air an sgapadh.’ 28Ach nuair a thèid mo thogail bho na mairbh, thèid mi romhaibh a Ghalile.”
29Thuirt Peadar ris, “Ged a ghabhadh a h‑uile duine nàire dhiot, cha ghabh mise.”
30Thuirt Iosa ris, “Gu cinnteach tha mi ag ràdh riut, air an dearbh oidhche seo fhèin, mus gairm an coileach dà uair, gun dèan thusa m'àicheadh trì uairean.”
31Ach thuirt esan na bu dàine buileach, “Ged a dh'fheum-ainn bàsachadh còmhla riut, cha dèan mise t'àicheadh.”
'S thuirt iad uile an aon rud.
An Urnaigh an Getsemane
32Nuair a thàinig iad gu àite ris an cainte Getsemane, thuirt e ri dheisciobail, “Suidhibhse ann an seo, gus an dèan mi ùrnaigh.” 33Thug e Peadar agus Seumas agus Eòin còmhla ris, 's thàinig àmhghair agus imcheist eagalach air. 34'S thuirt e riu, “Tha urad a bhròn air mo spiorad 's gur gann nach eil mi a' bàsachadh. Fanaibhse ann an seo, 's bithibh ri faire.”
35Chaidh e beagan na b'fhaide, 's leig e e‑fhèin sìos air an talamh. Rinn e ùrnaigh gun rachadh an uair seachad air nam faodadh sin a bhith. 36Agus thuirt e, “Abba, athair, tha a h‑uile nì nad chomas. Thoir air falbh bhuam an cupa seo, ach biodh do thoil-sa air a dèanamh, 's chan e mo thoil-sa.”
37Thàinig e 's fhuair e iad nan cadal. Thuirt e ri Peadar, “A Shìmoin, a bheil thu nad chadal? Nach robh e nad chomas a bhith ri faire fiù 's aon uair-a‑thìde fhèin? 38Bithibh ri faire 's ùrnaigh, air eagal 's gun tig buaireadh nur rathad. Tha an spiorad deònach gun teagamh, ach tha a' cholainn lag.”
39Dh'fhalbh e bhuapa an dara uair, 's rinn e an aon ùrnaigh 's a rinn e roimhe. 40Thàinig e 's fhuair e iad nan cadal a‑rithist, oir bha an sùilean air fàs trom, 's cha robh fhios aca dè theireadh iad ris.
41Thàinig e an treas uair, 's thuirt e riu, “An e gu bheil sibh fhathast nur cadal 's a' gabhail fois? Fòghnaidh sin! Tha 'n uair air tighinn! Seallaibh! Tha Mac an Duine ga thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach. 42Eiribh is falbhamaid. Seallaibh! Tha am fear a tha gam thoirt thairis gu bhith againn.”
Iosa air a Ghlaradh
43Dìreach anns na facail, thàinig Iùdas, fear dhen dà fhear dheug, 's gràisg dhaoine còmhla ris, le claidheamhan 's le bataichean. 'Se na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean 's na h‑athraichean a chuir ann iad. 44Bha am fear-brathaidh air comharra a thoirt dhaibh: thuirt e riu, “Am fear dhan toir mi pòg — sin an duine. Cuiribh an sàs e, 's thoiribh leibh e fo gheàrd.”
45Nuair a thàinig e, rinn e dìreach air Iosa. Thuirt e, “A Mhaighistir!” agus thug e dha pòg. 46Rug iadsan air Iosa, 's chuir iad an grèim e. 47Tharraing fear dhe na bha an làthair a chlaidheamh. Bhuail e seirbhiseach an àrd-shagairt, 's gheàrr e dheth a chluas. 48Thuirt Iosa riu, “An tàinig sibh gam ghlacadh le claidheamhan 's le bataichean mar gum b'e robair a bh'annam? 49'S iomadh là bha mi còmhla ruibh san teampall a' teagasg, 's cha do chuir sibh an sàs mi. Ach feumaidh na sgriobtairean tighinn gu buil.”
50Chuir na deisciobail uile cùl ris agus theich iad.
51Bha duine òg ga leantainn, 's gun stiall air ach aon fhilleadh aodaich. Rug iad air, 52ach leig esan ás an t‑aodach, 's theich e rùisgte.
Iosa air beulaibh na Comhairle
53Thug iad leo Iosa à dh'ionnsaigh an àrd-shagairt, 's bha na prìomh-shagairt eile, na seanairean 's na sgrìobhaichean a' tighinn an ceann a chèile. 54Lean Peadar e pìos math bhuaithe a‑steach gu ruig a' chùirt air beulaibh taigh an àrd-shagairt. Bha e na shuidhe còmhla ris na geàird, ga gharadh fhèin ris an teine. 55Bha na prìomh-shagairt agus a' chomhairle gu lèir a' feuchainn ri daoine a lorg a thogadh fianais an aghaidh Iosa, 's gum biodh cothrom aca a chur gu bàs, ach cha robh a' dol leo. 56Oir bha mòran a' togail fianais bhrèige na aghaidh, 's cha robh iad a' tighinn a‑rèir a chèile.
57Dh'èirich cuid 's chuir iad na breugan air, oir thuirt iad, 58“Chuala sinne e ag ràdh, ‘Cuiridh mise ás a chèile an teampall seo a chaidh a thogail le làmhan dhaoine, 's an ceann trì là togaidh mi teampall eile ris nach do bhean làmh duine’.” 59Aig a sin fhèin, cha robh iad a' tighinn a‑rèir a chèile nam fianais.
60Dh'èirich an t‑àrd-shagart nam measg, 's dh'fhaighnich e de dh'Iosa, “Nach eil freagairt agad idir? Dè tha na daoine seo a' cur ás do leth?”
61Ach dh'fhan esan sàmhach 's cha tuirt e guth. A‑rithist dh'fhaighnich an t‑àrd-shagart dheth, “An tusa an Crìosd, Mac an Aoin Bheannaichte?”
62 # Dan 7.13 Thuirt Iosa, “Is mi; agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe aig deaslàimh an Uile-chumhachdaich, 's e a' tighinn le neòil nan nèamhan.”
63An‑uairsin shrac an t‑àrd-shagart a chuid aodaich, 's thuirt e, “Dè 'm feum a th'againn air tuilleadh fhianaisean? 64#Lebh 24.16Chuala sibh an toibheum aige: dè ur beachd?”
'Se a' bhinn a thug iad uile a‑mach gun robh e airidh air a' bhàs.
65Thòisich cuid aca air smugaidean a thilgeil air. Chuir iad còmhdach air a shùilean, ghabh iad dha len dùim, 's iad ag ràdh ris, “Innis cò bhuail thu!” Thug na geàird an‑uairsin droch làimhseachadh dha.
Peadar ag Aicheadh Iosa
66Nuair a bha Peadar shìos ann an cùirt an taighe, thàinig tè de shearbhantan an àrd-shagairt 's chunnaic i e ga gharadh fhèin. 67Thug i sùil air 's thuirt i ris, “Bha thus' thu-fhèin còmhla ris an Nàsarach, Iosa.”
68Ach chaidh esan ás àicheadh, 's thuirt e, “Chan eil mi gad thuigsinn; chan eil fhios agam dè tha thu ag ràdh.” 'S ghabh e a‑mach gu trannsa an taighe. Ghairm coileach.
69Chunnaic an t‑searbhanta a‑rithist e, 's thuirt i ris an fheadhainn a bha nan seasamh man cuairt, “Seo fear eile dhiubh.” 70Chaidh esan ás àicheadh a‑rithist.
An ceann treis eile, thuirt iadsan ri Peadar, “'Se fear dhiubh a th'annad gun teagamh, oir 'sann à Galile a tha thu.”
71Thug Peadar a mhionnan, 's thuirt e, “Mallachd orm mas aithne dhomh idir am fear ma bheil sibh a' bruidhinn.”
72'S anns an dearbh mhionaid ghairm an coileach an dara uair. Chuimhnich Peadar mar a thuirt Iosa ris, “Mus gairm an coileach dà uair, nì thusa m'àicheadh trì uairean.” Cha b'urrainn dha cumail air, 's thòisich e air gal.

ที่ได้เลือกล่าสุด:

Marcus 14: GLD

เน้นข้อความ

แบ่งปัน

คัดลอก

None

ต้องการเน้นข้อความที่บันทึกไว้ตลอดทั้งอุปกรณ์ของคุณหรือไม่? ลงทะเบียน หรือลงชื่อเข้าใช้