Ephèsianaich 4
4
Aonachd a' chuirp
1Mar sin tha mise a tha nam phrìosanach air sgàth an Tighearna ag iarraidh oirbh a bhith beò ann an dòigh a fhreagras air a' ghairm leis an do ghairm Dia sibh. 2#Col 3.12-13Bithibh daonnan iorasal, caomh agus foighidneach, agus dèanadh an gràdh sibh fad-fhulangach ri càch-a‑chèile. 3'S e sìth a tha gur ceangal ri chèile; dèanaibh mar sin dìcheall air an aonachd a th'agaibh san Spiorad a ghleidheadh. 4'S e an aon chorp agus an aon Spiorad a th'ann, agus 's e an aon dòchas a thug Dia dhuibh nuair a ghairm e sibh. 5'S e aon Tighearna, aon chreideamh agus aon bhaisteadh a th'ann. 6Chan eil ann ach aon Dia, agus is esan Athair gach duine. Tha esan os cionn gach duine, tha e ag obrachadh troimh gach duine agus tha e anns gach duine.
7Ach fhuair gach aon againn gràs a rèir 's mar a rinn Crìosd a thomhas a‑mach dhuinn. 8#Salm 68.18Tha an Sgriobtair ag ràdh:
Nuair a chaidh e suas dhan àite as àirde,
bha e a' toirt phrìosanach còmhla ris,
's thug e tiodhlacan do dhaoine.
9Nuair a tha e ag ràdh “Chaidh e suas”, nach eil seo a' gabhail a‑steach gun tàinig e nuas gu ionadan ìochdrach na talmhainn? 10'S e am fear a thàinig a‑nuas an dearbh fhear a chaidh suas, fada os cionn nan nèamhan uile gus an lìonadh e gach nì a th'ann. 11Thug e cuid gu bhith nan abstoil, cuid nam fàidhean, cuid nan soisgeulaichean, agus cuid nam buachaillean agus nan luchd-teagaisg. 12Bha e airson gum biodh sluagh Dhè air an ullachadh gus seirbhis a dhèanamh agus corp Chrìosd air a dhaingneachadh. 13Mar sin ruigidh sinn uile aonachd anns a' chreideamh agus ann an eòlas air Mac Dhè. Fàsaidh sinn gu ìre duine coileanta gus an ruig sinn fìor inbhe na lànachd a th'ann an Crìosd. 14Mar thoradh air seo, cha bhi sinn tuilleadh nar leanabain air ar luasgadh air na tuinn 's air ar riasladh leis gach gaoth teagaisg a thig bho dhaoine carach, a tha cur feadhainn eile air seachran len cuid innleachdan seòlta. 15Ach 's ann le bhith a' bruidhinn na fìrinn ann an gràdh a dh'fhàsas sinne suas anns a h‑uile dòigh gu bhith coltach ri Crìosd, oir is esan an ceann. 16#Col 2.19Fo a stiùireadh-san, tha gach ball dhen chorp a' dol an altan a chèile, agus tha neart a' chuirp gu lèir an urra ris gach alt a th'ann. Nuair a tha gach ball ag obrachadh mar as còir, tha an corp air fad a' fàs agus ga dhèanamh fhèin nas treasa ann an gràdh.
An dòigh-beatha ùr ann an Crìosd
17Mar sin tha mi ag iarraidh 's a' guidhe oirbh ann an ainm an Tighearna gun a bhith beò mar a tha na Cinnich. Tha an dòigh-smaoineachaidh acasan faoin agus gun stà. 18Tha sgleò air an inntinn, agus tha iad dealaichte bhon bheatha a th'ann an Dia, a chionns gu bheil iad aineolach agus gu bheil an cridheachan cruaidh. 19Chaill iad an nàire agus thug iad iad fhèin thairis do thograidhean an cuirp, a' sìor shanntachadh rudan gràineil a dhèanamh. 20Ach chan e sin an teagasg a fhuair sibhse nuair a dh'ionnsaich sibh mu Chrìosd. 21Gu cinnteach chuala sibh mu dheidhinn, agus fhuair sibh eòlas air an fhìrinn a th'ann an Iosa nuair a chreid sibh ann. 22#Col 3.9Cuiribh cùl ris an dòigh-beatha a b'àbhaist a bhith agaibh, an seann nàdar a bha a' dol a dhìth le tograidhean meallta. 23Feumaidh ur spiorad agus ur n‑inntinn a bhith air an nuadhachadh. 24#Gen 1.26; Col 3.10Cuiribh oirbh an nàdar ùr a tha coltach ri nàdar Dhè, 's a tha ga fhoillseachadh fhèin ann am fìreantachd 's ann an naomhachd a tha stèidhichte air an fhìrinn.
25 #
Sech 8.16
Leis a sin, cuiribh uaibh na breugan agus bruidhnibh an fhìrinn ri càch-a‑chèile bhon a tha sinn uile nar buill dhen aon chorp. 26#Salm 4.4Ma bhios sibh feargach, na leigibh leis an fheirg ur toirt a thaobh gu peacadh, agus na cumaibh ga h‑altram o mhoch gu dubh. 27Na toiribh cothrom sam bith dhan Diabhal. 28'S còir dhan mhèirleach sgur de chuid mèirle agus a làmhan a chur an sàs ann an obair fheumail, gus am bi rud aige leis an cuidich e daoine bochda. 29Na leigibh le cainnt ghrod sam bith tighinn as ur beul, ach cleachdaibh cainnt fhallain a neartaicheas 's a chuidicheas 's a nì feum dhan luchd-èisdeachd. 30Na dèanaibh Spiorad Naomh Dhè a phianadh, oir is e an Spiorad a tha gur comharrachadh mar chlann Dhè 's a tha na urras gun tig an là san tèid ur cur saor gu h‑iomlan. 31Cuiribh uaibh gach gamhlas, gach trod, gach fearg is gach cuthach. Air falbh leis gach toibheum is droch-rùn. 32#Col 3.13'S ann a bu chòir dhuibh a bhith coibhneil agus blàth-chridheach ri càch-a‑chèile, 's a' toirt mathanas dha chèile cuideachd, dìreach mar a thug Dia mathanas dhuibh fhèin ann an Crìosd.
ที่ได้เลือกล่าสุด:
Ephèsianaich 4: GLD
เน้นข้อความ
แบ่งปัน
คัดลอก
ต้องการเน้นข้อความที่บันทึกไว้ตลอดทั้งอุปกรณ์ของคุณหรือไม่? ลงทะเบียน หรือลงชื่อเข้าใช้
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017