Agus ghrad-thainig fuaim bho neamh mar de ghaoith ro laidir a tighinn, us lion i an tigh uile anns an robh iad ʼnan suidhe.
Us chunnacas leo teangannan sgoilte mar gum bʼ ann de theine, agus shuidh e air gach aon dhiu;
Agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us thòisich iad air labhairt le ioma seorsa theangan, a reir ʼs mar thug an Spiorad Naomh dhaibh ri labhairt.