Marcus 13
13
Crìoch an Teampaill
1Nuair a bha e tighinn a‑mach ás an teampall, thuirt fear dhe a dheisciobail ris, “Seall, a Mhaighistir, nach mìorbhaileach na clachan's na togalaichean a tha seo!”
2Thuirt Iosa ris, “A bheil thu a' faicinn nan togalaichean mòra seo? Cha bhi fiù 's aon chlach air a fàgail air muin t'èile ann an seo.”
“Toiseach nan Amhghairean”
3Nuair a bha e na shuidhe air Beinn nan Craobh-ola, thall mu choinneamh an teampaill, bhruidhinn Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra ris nuair a bha iad leo fhèin. 4“Cuin,” ars iadsan, “a thachras seo, agus dè an comharra a bhios ann gu bheil na rudan seo uile a' tighinn gu buil?”
5Thuirt Iosa riu, “Thoiribh an aire nach dèan duine sam bith ur mealladh. 6Thig mòran a' gabhail m'ainm-sa orra fhèin, 's ag ràdh, ‘'S mise e’, agus meallaidh iad iomadh neach. 7Nuair a chluinneas sibh ùbraid chogaidhean faisg air làimh agus iomradh air cogaidhean fad ás, na biodh eagal oirbh; feumaidh seo a bhith, ach chan e sin fhathast a' chrìoch. 8Eiridh sluagh an aghaidh sluaigh agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean-talmhainn ann thall 's a‑bhos, agus gortan cuideachd, ach cha bhi ann an sin ach toiseach nan àmhghairean.
9“Ach thoiribhse an aire, oir bheir iad thairis sibh do chomh-airlean 's do shionagogan gur feuchainn. Thèid ur cuipeadh, agus, air mo sgàth-sa, seasaidh sibh air beulaibh luchd-riaghlaidh agus rìghrean a dhèanamh fianais. 10Ach an toiseach feumar an Deagh Sgeul a shearmonachadh dha na cinnich uile. 11Nuair a bheir iad thairis sibh a sheasamh cùirt, na biodh cùram oirbh roimh-làimh dè a their sibh, ach canaibh an rud a thèid a thoirt dhuibh aig an uair sin fhèin, oir chan e sibhse a bhios a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh. 12Bheir bràthair seachad bràthair airson a chur gu bàs, agus bheir athair seachad a mhac. Eiridh clann an aghaidh am pàrantan airson an cur gu bàs. 13Bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m'ainm-sa, ach an neach a sheasas daingeann chun na crìche, bidh e air a shaoradh.
“Aʼ Ghràinealachd Mhillteach”
14 #
Dan 9.27, 11.31, 12.11 “Nuair a chì sibh a' ghràinealachd mhillteach air a cur suas far nach bu chòir dhi bhith — a leughadair, tuig seo — feumaidh a h‑uile duine ann an Iudèa teicheadh dhan mhonadh. 15Duine sam bith a tha shuas air mullach an taighe, cha dèan math dha dhol a‑steach nuair a thig e nuas, no feuchainn ri nì sam bith a thoirt leis. 16'S ma tha neach sam bith a‑muigh air an achadh, na tilleadh e a dh'iarraidh a chòta. 17'S mairg dhaibhsan a bhios trom le leanabh no aig am bi naoidhean air a' chìch aig an àm sin! 18Feumaidh sibh a bhith ag ùrnaigh nach ann sa gheamhradh a thachras e. 19#Dan 12.1Sna làithean sin, bidh èiginn ann nach fhacas riamh a leithid bho rinn Dia an cruthachadh, 's cha bhi a leithid ann tuilleadh. 20Mura b'e gun d'rinn an Tighearna na làithean sin a ghiorrachadh, cha bhiodh duine sam bith air faighinn ás, ach ghiorraich e iad air sgàth nan daoine a thagh e‑fhèin.
21“Ma their duine sam bith ruibh, ‘Seall, seo an Crìosd,’ no ‘Seall, siod e,’ na creidibh e. 22Oir bidh Crìosdan meallta agus fàidhean meallta a' nochdadh, agus nì iad comharran agus mìorbhailean airson daoine a chur air seacharan, gu ruig na daoine taghte fhèin, nam biodh sin nan comas. 23Ach bithibhse air ur faiceall, oir dh'innis mi dhuibh a h‑uile nì roimh-làimh.
24 #
Is 13.10; Esec 32.7; Ioel 2.10, 31, 3.15 “Aig an àm sin, an dèidh na h‑èiginn ud, thèid a' ghrian a dhèanamh dorcha, 's cha toir a' ghealach seachad a solas. 25#Is 34.4; Ioel 2.10Bidh na rionnagan a' tuiteam ás na speuran, agus bidh na cumhachdan a th'anns na nèamhan air an crathadh. 26#Dan 7.13An‑uairsin chì daoine Mac an Duine a' tighinn anns na neòil le cumhachd anabarrach agus le glòir. 27Cuiridh e a‑mach na h‑ainglean a thional nan daoine taghte aige fhèin ás na ceithir àirdean, bho iomall na talmhainn gu iomall nan nèamhan.
“Tha an Samhradh Faisg”
28“Ionnsaichibh leasan bhon chraobh-fhìge. Cho luath 's a dh'fhàsas a geug bog le sùgh, 's a chuireas i a‑mach a duilleach, aithnichidh sibh gu bheil an samhradh faisg. 29San aon dòigh, nuair a chì sibh na rudan sin a' tachairt, biodh fios agaibh gu bheil e dlùth 's gu bhith agaibh. 30Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh nach tig crìoch air a' ghinealach seo gus an tig na nithean seo uile gu buil. 31Thèid na speuran agus an talamh à bith, ach mairidh m'fhacal-sa gu bràth.
“Cuin a Thig an t‑Am?”
32“Ach a thaobh an là sin, no a thaobh na h‑uaire, chan eil fhios aig neach sam bith, fiù 's aig na h‑ainglean ann an nèamh, no aig a' Mhac, ach aig an Athair a‑mhàin. 33Bithibh air ur faiceall agus nur làn dùisg, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm. 34Bidh e dìreach mar dhuine a' falbh air chuairt, 's a' fàgail a thaighe air chùram nan seirbhiseach. Tha e a' toirt obair fhèin dha gach fear, 's ag iarraidh air an dorsair a bhith ri faire. 35Mar sin, bithibhse ri faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe, co‑dhiù 'sann feasgar, no aig meadhon-oidhche, no nuair a ghairmeas an coileach, no anns a' mhadainn. 36Cha bu mhath gun tigeadh e gun dùil ris, 's gun glacadh e sibh nur cadal. 37'S an nì a tha mi ag ràdh ruibhse tha mi ag ràdh ris a h‑uile duine: ‘Bithibh ri faire’.”
Selectat acum:
Marcus 13: GLD
Evidențiere
Partajează
Copiază
Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017