Mar sin, bithibhse ri faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe, co‑dhiù 'sann feasgar, no aig meadhon-oidhche, no nuair a ghairmeas an coileach, no anns a' mhadainn. Cha bu mhath gun tigeadh e gun dùil ris, 's gun glacadh e sibh nur cadal. 'S an nì a tha mi ag ràdh ruibhse tha mi ag ràdh ris a h‑uile duine: ‘Bithibh ri faire’.”