YouVersion
Pictograma căutare

Ephèsianaich 3

3
Saothair Phòil as leth nan Cinneach
1'S e sin an t‑adhbhar gu bheil mise Pòl, a tha nam phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, ag ùrnaigh air ur son-sa a rugadh nur Cinnich. 2'S cinnteach gun cuala sibh mun obair shònraichte a thug Dia dhòmhsa gu bhith a' dèanamh a ghràis aithnichte dhuibhse. 3Sgrìobh mi beagan thugaibh mu thràth mun dòigh anns an d'rinn Dia diamhaireachd a thoile soilleir dhomh. 4#Col 1.26-27Chan eil agaibh ach an sgrìobhadh seo a leughadh agus tuigidh sibh an t‑eòlas a th'agam air an diamhaireachd a th'air a dèanamh follaiseach ann an Crìosd. 5Anns na linntean a dh'fhalbh cha robh seo idir air a nochdadh do dhaoine mar a tha an Spiorad a‑nis air fhoillseachadh dha abstoil naomha agus dha fhàidhean. 6'S e sin gu bheil na Cinnich air oighreachd fhaighinn còmhla rinn agus gu bheil iadsan is sinne nar buill de a chorp, agus gu bheil pàirt againn le chèile anns gach nì a gheall Dia dhuinn tre Iosa Crìosd anns an t‑Soisgeul. 7B'e an tiodhlac a thug Dia na ghràs dhomh, a rèir 's mar a bha a chumhachd ag obrachadh annam, a bhith nam sheirbhiseach dhan t‑Soisgeul. 8Ged as mise as lugha a‑measg a shluaigh, dh'earb Dia gu gràsmhor rium a bhith a' searmonachadh dha na Cinnich soisgeul Chrìosd a tha cho saidhbhir 's nach gabh e rannsachadh. 9Dh'earb e rium cuideachd a bhith a' dèanamh soilleir dhan a h‑uile duine mar a tha e a' dol a thoirt a rùin gu buil. Chùm Dia, a chruthaich a h‑uile nì, an rùn sin falaichte o thoiseach nan linntean. 10Rinn e seo airson 's gun toireadh e a‑nis tron eaglais eòlas dha na h‑uachdarain agus na riaghlairean spioradail san t‑saoghal nèamhaidh air a liuthad dòigh anns a bheil e a' nochdadh a ghliocais. 11B'e seo a chuir Dia roimhe a‑nuas troimh na linntean agus thug e gu buil e ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. 12Air ar n‑aonadh ris-san agus a' creidsinn annsan, tha dànachd againn a dhol a‑steach an làthair Dhè le làn mhisneachd. 13Mar sin tha mi ag iarraidh oirbhse gun a bhith a' lagachadh a chionns gu bheil mise a' fulang urad air ur sgàth. 'S ann a bu chòir dhuibh uaill a dhèanamh as.
Gràdh Chrìosd
14'S e seo an t‑adhbhar gu bheil mi a' dol air mo ghlùinean a dhèanamh ùrnaigh ris an Athair, 15oir 's ann airsan a tha a h‑uile teaghlach air nèamh agus air thalamh air ainmeachadh. 16Tha mi ag iarraidh gun dèan e as a bheairteas ghlòrmhor fhèin ur neartachadh nur beatha spioradail, mar a bhios a Spiorad ag obrachadh annaibh, 17's gun dèan Crìosd còmhnaidh nur cridheachan tre chreideamh. Tha mi ag ùrnaigh cuideachd gum bi ur freumh agus ur stèidh agaibh ann an gràdh, 18's mar sin gum bi e comasach dhuibhse agus do shluagh Dhè gu lèir a thuigsinn cho leathann 's cho fada, cho àrd 's cho domhainn 's a tha gràdh Chrìosd. 19Ged a tha an gràdh sin a' dol thar eòlas duine, tha mi ag ùrnaigh gum faigh sibhse eòlas air, 's gum bi sibh mar sin air ur lìonadh gu h‑iomlan le lànachd Dhè.
20Tron chumhachd a tha ag obrachadh annainn, tha ar Dia comasach air còrr mòr a bharrachd a dhèanamh na 's urrainn dhuinne iarraidh no smaoineachadh. 21Dhàsan gun robh glòir anns an eaglais agus ann an Iosa Crìosd fad nan linntean sìorraidh. Amen.

Selectat acum:

Ephèsianaich 3: GLD

Evidențiere

Partajează

Copiază

None

Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te