Ephèsianaich 2
2
Bho bhàs gu beatha
1 #
Col 2.13
Bha sibh roimhe seo marbh, mar thoradh air ur n‑eas-ùmhlachd agus ur peacaidhean. 2Annta sin bha sibh a' leantainn droch chùrsa an t‑saoghail seo, a' toirt ùmhlachd do riaghlair cumhachd spioradail an adhair, an spiorad a tha ag obrachadh an ceartuair anns an fheadhainn a tha eas-umhail do Dhia. 3B'àbhaist dhuinn uile a bhith mar seo, a' tighinn beò a rèir tograidhean ar nàdair 's a' dèanamh nan rudan a thigeadh ri càil ar cuirp agus ar n‑inntinn. A thaobh ar nàdair, bha sinn, mar a h‑uile neach eile, fo fhearg Dhè. 4-5Ach ged a bha sinn marbh nar n‑eas-ùmhlachd, tha Dia cho saidhbhir na thròcair, 's tha an gràdh a th'aige dhuinn cho mòr, 's gun tug e beò sinn còmhla ri Crìosd — 's e a ghràs fhèin a rinn ar saoradh, 6Thog e suas sinn còmhla ri Crìosd, 's chuir e sinn nar suidhe còmhla ris ann an nèamh, 7gus sealltainn gu bràth tuilleadh cho anabarrach saidhbhir 's a tha an gràs a thug a thròcair dhuinn ann an Iosa Crìosd. 8Oir is ann le gràs a tha sibh air ur saoradh tre chreideamh; chan eil làmh idir agaibh fhèin ann, 's e th'ann ach tiodhlac Dhè. 9Chan e dad a rinn sibh fhèin a choisinn dhuibh e, 's mar sin chan fhaod neach sam bith a bhith pròiseil as fhèin. 10Rinn Dia obair fhèin dhinn, agus ann an Iosa Crìosd chruthaich e as ùr sinn gu bhith a' caitheamh ar beatha a' dèanamh nan deagh ghnìomh a dh'ullaich e dhuinn ro‑làimh.
Aonachd ann an Crìosd
11Cuimhnichibh mar a b'àbhaist dhuibh a bhith, sibhse a rugadh nur Cinnich. 'S e “sluagh neo-thimcheall-gheàrrte” a theireadh na h‑Iùdhaich ribh, 's iad fhèin air an ainmeachadh air an timcheall-ghearradh a nithear le làmh duine. 12Aig an àm sin, bha sibh gun Chrìosd. Cha bhuineadh sibh do dh'Israel, sluagh taghte Dhè, 's cha robh pàirt sam bith agaibh anns na cùmhnantan a bh'air am bonntachadh air a gheallaidhean. Bha sibh beò anns an t‑saoghal mar dhaoine a bha gun Dia agus as aonais dòchais. 13Ach a‑nis, ann an Iosa Crìosd, a chionns gun deach fhuil-san a dhòrtadh, tha sibhse a b'àbhaist a bhith fad air falbh air ur toirt dlùth. 14'S e Crìosd fhèin a rinn sìth eadarainn 's a rinn an dà shluagh nan aon nuair a leag e le a bhàs am balla a bha gar dealachadh 's gar cumail nar nàimhdean. 15#Col 2.14Chuir e as dhan Lagh Iùdhach le àithntean 's le riaghailtean, a' dèanamh an dà shluagh mar gum biodh nan aon duine ùr ann fhèin, 's mar sin a' dèanamh sìth. 16#Col 1.20Tron bhàs a dh'fhuiling e air a' chrann-cheusaidh rinn Crìosd iad le chèile rèidh ri Dia, mar ann an aon chorp, 's anns an dòigh sin chuir e as dhan nàimhdeas. 17#Is 57.19Mar sin thàinig Crìosd a' searmonachadh Deagh Sgeul na sìthe dhuibhse a bha fad air falbh agus dhaibhsan a bha dlùth dha. 18'S ann troimhesan a tha an comas againn le chèile a thighinn anns an aon Spiorad a‑steach a dh'ionnsaigh an Athar. 19Mar sin chan eil sibhse nur coimhich 's nur coigrich tuilleadh, ach buinidh sibh do shluagh Dhè agus tha sibh nur buill de theaghlach. 20Tha sibh air ur bonntachadh air stèidh nan abstol 's nam fàidhean, agus 's e Iosa Crìosd fhèin a' chlach-oisinn. 21'S esan a tha a' ceangal an togalaich uile ri chèile, 's a' toirt air fàs gu bhith na theampall coisrigte dhan Tighearna. 22Annsan tha sibhse cuideachd air ur togail suas còmhla ri càch gu bhith mar thaigh anns a bheil Dia a' gabhail còmhnaidh tre a Spiorad.
Selectat acum:
Ephèsianaich 2: GLD
Evidențiere
Partajează
Copiază
Dorești să ai evidențierile salvate pe toate dispozitivele? Înscrie-te sau conectează-te
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017