Laoidhean 4
4
LAOIDH 4
Iob 3.17-20
1Cia sàmhach ciùin an talla dorch
san gabh sinn uile tàmh;
An tìr na dichuimhn' far nach gluais
aon fhuathas sinn no nàmh.
2Cia tosdach sèimh an leabadh 'n uaigh,
a ghabhail suain is fois;
Théid crìoch air dragh luchd‑euceirt innt'
's gheibh daoine sgìth innt' clos.
3Innte cha chaoidh am prìosanach
ni 's mò mar fhuair e chlaoidh;
Cha dochainn smachd an droch righ bhuirb,
's is balbh guth mhillt fhir dhaoi.
4Tha lag is làidir, beag is mòr,
co‑shìnt san uaigh le chéil';
Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh,
is luchd na comhstri réidh.
5Co‑ionnan coidlidh iad air fad
fo ghlasaibh teann a' bhàis,
Gu'n uair an gairmear iad le Dia
'na fhianuis là a' bhràth.
လက္ရွိေရြးခ်ယ္ထားမွု
Laoidhean 4: LSN1987
အေရာင္မွတ္ခ်က္
မၽွေဝရန္
ကူးယူ
မိမိစက္ကိရိယာအားလုံးတြင္ မိမိအေရာင္ခ်ယ္ေသာအရာမ်ားကို သိမ္းဆည္းထားလိုပါသလား။ စာရင္းသြင္းပါ (သို႔) အေကာင့္ဝင္လိုက္ပါ
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017