YouVersion လိုဂို
ရွာရန္ အိုင္ကြန္

Genesis 5

5
1Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e;
2Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad.
3Agus bha Adhamh beò ceud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air:
4Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan:
5Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich-bliadhna-fichead: agus fhuair e bàs.
6Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos:
7Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
8Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna-dheug: agus fhuair e bàs.
9Agus bha Enos beò ceithir-fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Càinan:
10Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
11Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs.
12Agus bha Càinan beò deich bliadhna agus trì-fichead, agus ghin e Mahalalil:
13Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
14Agus b’iad uile làithean Chàinain naoi ceud agus deich bliadhna: agus fhuair e bàs.
15Agus bha Mahalalil beò còig bliadhna agus trì-fichead, agus ghin e Iàred:
16Agus bha Mahalalil beò, an dèidh dha Iàred a ghintinn, ochd ceud agus deich-bliadhna-fichead, agus ghin e mic agus nigheanan:
17Agus b’iad uile làithean Mhahalalil ochd ceud ceithir-fichead agus còig-bliadhna-deug: agus fhuair e bàs.
18Agus bha Iàred beò ceud agus trì-fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch:
19Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
20Agus b’iad uile làithean Iàreid naoi ceud trì-fichead agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs.
21Agus bha Enoch beò trì-fichead agus còig bliadhna, agus ghin e Metùselah:
22Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
23Agus b’iad uile làithean Enoich trì cheud agus trì-fichead agus còig bliadhna:
24Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e.
25Agus bha Metùselah beò ceud agus ceithir-fichead agus seachd bliadhna, agus ghin e Làmech:
26Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir-fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:
27Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì-fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs.
28Agus bha Làmech beò ceud agus ceithir-fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac:
29Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.
30Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir-fichead agus còig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheanan:
31Agus b’iad uile làithean Làmeich, seachd ceud agus trì-fichead agus seachd-bliadhna-deug: agus fhuair e bàs.
32Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.

လက္ရွိေရြးခ်ယ္ထားမွု

Genesis 5: ABG1992

အေရာင္မွတ္ခ်က္

မၽွေဝရန္

ကူးယူ

None

မိမိစက္ကိရိယာအားလုံးတြင္ မိမိအေရာင္ခ်ယ္ေသာအရာမ်ားကို သိမ္းဆည္းထားလိုပါသလား။ စာရင္းသြင္းပါ (သို႔) အေကာင့္ဝင္လိုက္ပါ