Лого на YouVersion
Икона за пребарување

Sailm 22

22
1Mo Dhia, mo Dhia, creud me far thréig?
le tfurtachd uam a ngcèin,
O bhriathraibh goirt' mo bhúiridh áird
gan fhuaſgladh orm a mféidhm?
2Mo Dhia, nior thug tu freagradh dhamh,
ſan ló do ghairmas ort;
An uair bu chòir dhamh támh ſan oidhch',
ni bhfuilam fein am thoſd.
3Ach thuſa chean' ta fíorghlan naomh,
a Dhe oſcionn gach ſgéil,
Ad chomhnuidh ann ſan àros ſin,
a bhfuil clu Iſraéil.
4Do rinn ar ſinnſir dhiotſa bun:
is ſhaor tu iad mar dhearb.
5Do ghlaodh ſiad riot, is ſhaoradh iad:
dhearb riot, gun aghaidh dhearg.
6Acht miſe fos cho duin', acht cnuimh:
gráin daoin', is táir na nſloìgh.
7Cùis crathadh cinn, is caſadh bèil,
ſpòrſ' do na chi mo dhòigh.
8Ag rádh, do rinn ſe bun a Dia,
chum bfuaſgladh air na fhéin:
Nois deanadh ſé a theaſairgin,
o thug ſe toil du fein.
9Acht 'ſtus an ti do bhuin amach
a broinn mo mháthar mi;
Is tú bu bharant' dochais damh,
'ntra ar an chìch do bhim.
10On bhroinn do theilgadh ortſa me,
ar bheth dhamh òg is mao;
O thánig has as a bholg amach
is tu mo Dhia ro chaomh.
11A Dhé na bioſa fada uam,
oir 'ſdlù dhamh triobloid theann;
'S gun agam neach dam chuideachadh
no urra chuireas leam.
12Do chuartigh umam mòran tarbh
am thimchioll ar gach láimh:
D'iath umam tairbh ro láidir bhorb
a mBaſan bhi na ntàmh.
13Gu farſing dfoſgail ſiad a mbeul,
mar leomhan állta garg;
Ag tabhairt ſithidh réubigh orm
le búireadh fiaghaigh borb.
14Mar uiſge dhóirteadh miſ' amach,
mo chnámhan ſgáint' o chèil':
Mo chroidh' am chom an taobh a ſtigh,
ar leaghadh tá mar chéir.
15Ar tiormachadh mar phota criaidh
ata mo neart a Dhé;
Mo theang' ar leanmhuin re mo ghiall;
Gu hùir bháis thug tu me.
16Oir d'iath ſiad umam madridh gharg,
bhuail umam thall ſa bhos
Mor-bhuidhionn luchd na haingidhachd:
lot ſiad mo lámh 'ſmo chos.
17Mo chnámhan uile féudfuidh me
an áireamh leth ar leth:
Gu géur atáid ag amharc orm
ag dearcadh orm gu ſeth.
18Mo thruſcan eatora do roinn,
croinn chuir ſiad ar mo bhrot.
19Acht fad' om chobhair Dhia mo neart
na fan, achd deibhthrigh ort.
20Do manam tabhair fuaſgladh deas
on chloidhamh ſgaiteach gheur:
Is maon-ghradh gu ma ſaorthar leat,
O neart na madradh thrèun.
21O bhèul nan leomhan láidir borb
dhé fuaſgail orm gun ſtad:
O adharcaibh na mbuabhul tréun;
oir chual tu me gu grad.
22Dom bhráithraibh cuiram tainmſ' a ngcéill:
ſan eireachd molfam thu.
23'Shìol Jacob, 'ſa luchd eagla Dé,
gloir tugaibh dhò is clú:
Oirbhſ' Iarmad Iſrahéil ar fad
biodh eagalſan gu mòr.
24Oir tarcuis riamh cho drinn ar bochd,
'ſnior ghabh ſe gráin da leon:
Nior fholaigh air, 'ſnior cheil a ghnùis
da thrèigſin ann na theinn,
Tra rinn ſe glaodh is gearan ris,
thug éiſdeachd dò gu binn.
25Sann ortſa bhìos mo mholadh àrd
ſan eireachdas a Dhé:
Mo bhòid do ìocfam fos an lat hair,
na druing' dan eagal é.
26Na daoine ſin macant' ata
iòſaid is gheibh an ſàth:
Na dhiarras Dia ard-mholaid è;
bhur croidh' biaidh beo gu bráth.
27Pillfidh re Dia gach iomall tìr',
ag cuimhniug hadh air fa leth:
Is ſluadh na mfineacha gu lèir
dhuit géillfidh ſiad gu ſeth.
28Arſon gur le Jehobha mòr
an rioghachd le cóir cheart:
'Sa meaſg na mfineachan ar fad
aig uachdranachd is neart.
29Na daoine reamhar anns gach tir,
íoſuid is gèillfid dó:
Dhó cromidh ſíos na thèid fan uaimh,
cho chum neach a anam beo.
30Thig ſliochd is ſeirbhis nid do Dhia,
dhò meaſar iad mar linn.
31Innſid a cheart don ál re teachd,
gurb' eiſin ſud do rinn.

Селектирано:

Sailm 22: SD1694

Нагласи

Сподели

Копирај

None

Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се