Laoidhean 3

3
LAOIDH 3
Iob 1.21
1Lomnochd mar thàinig sinn a steach
do'n t‑saoghal so air tùs,
Is amhluidh théid sinn lomnochd as,
is taisgear sinn san ùir.
2Gach ni ri 'n canar leinn gu faoin
ar maoin 's ar stòras féin,
Is iasad goirid aoin là e,
's grad‑dhìolar e gu léir.
3'Se Dia bheir dhuinn gach comhfhurtachd,
no ghearras iad air falbh;
Ma thug e leis, 'se féin thug uaith:
beannaicht' gach uair biodh 'ainm!
4Beannaicht' gu siorruidh gu robh Dia!
cha ghearain sinn ni 's mò;
Docrach no socrach hiodh ar cor,
dhuits', Athair, gu robh glòir.

선택된 구절:

Laoidhean 3: LSN1987

하이라이트

공유

복사

None

모든 기기에 하이라이트를 저장하고 싶으신가요? 회원가입 혹은 로그인하세요