Akara Njirimara YouVersion
Akara Eji Eme Ọchịchọ

Sailm Dhaibhidh 8

8
Salm 8
1Iehòbhah Dhia, cia mòr tha d'ainm
air feadh gach uile thìr!
Do ghlòir do shocraich thu os cionn
nam flaitheas is nan speur.
2A beul nan naoidh 's nan cìochran maoth'
bhrìgh d'eascair dh'òrdaich neart,
An nàmhaid chum gun coisgeadh tu,
's an dìoghaltach mì‑cheart.
3Do speuran tràth thug mi fa‑near,
obair do mheuran fhèin;
A' ghealach is na reultan glan',
a dh'òrdaich thu le chèil';
4Duine ciod e, gun cuimhnichte,
no mhac gum fiosraicht' leat?
5Den inbhe, 's beag a chùm thu uaith'
air 'n d'fhuair na h‑aingil ceart;
Oir chuir thu coron àlainn air,
le maise 's glòir thar chàch.
6Air oibrean fòs do làmh thug thu
dha uachdranachd air fad.
Gach dùile chuir fo chasan dha,
a chruthaich thusa riamh:
7Caoraich, is buar, 's gach ainmhidh fòs,
tha 'g imeachd air an t‑sliabh.
8An eunlaith tha san adhar shuas,
an t‑iasg a tha sa chuan,
'S na shiùbhlas fòs air slighe tuinn,
sin thug thu dha gu buan.
9A Dhia, ar Tighearn is ar Dia,
d'ainm-sa cia h‑uasal e!
Air feadh gach talmhainn agus tìr
is mòr e siud, a Dhè.

Nke Ahọpụtara Ugbu A:

Sailm Dhaibhidh 8: SD1992

Mee ka ọ bụrụ isi

Kesaa

Mapịa

None

Ịchọrọ ka echekwaara gị ihe ndị gasị ị mere ka ha pụta ìhè ná ngwaọrụ gị niile? Debanye aha gị ma ọ bụ mee mbanye