N. Matu 15

15
XV CAIB.
Criosta cronachadh nan Sgriobhach; a leigheas nighean na bana-Chanaanaich, us morain a dhʼfheadhainn eile; a riarachadh cheithir mile le seachd builionnan.
1An sin thainig Sgriobhaich us Phairisich á Ierusalem ga ionnsuidh, a g-radh:
2Car-son a tha na deisciopuil agadsa a bristeadh air beul-aithris nan seanairean? oir cha n-eil iad a nigheadh an lamhan nuair a dhʼicheas iad aran.
3Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Car-son a tha sibhse bristeadh air fainte Dhe le ur beul-aithris? Oir thuirt Dia:
4 Thoir onair dha tʼ athair, ʼs dha dʼ mhathair; agus: An neach a mholluicheas athair, no mhathair, cuirear gu bas e.
5Ach tha sibhse radh: Neach sam bith a their ri athair, no ri mhathair, Tiodhlac sam bith bhuamsa do Dhia, thig e gu feum dhutsa;
6ʼS cha toir e onair dha ʼathair, no dha mhathair: us rinn sibh fàinte Dhe gun bhrigh le ur beul-aithris.
7A chealgairean, is math a rinn Isaias faisneachd muʼr deidhinn, a g-radh:
8 Tha ʼm pobull so toirt onair dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
9Ach ʼsann gun fheum a tha iad a toirt aoraidh dhomhsa, a teagasg reachdan agus faintean dhaoine.
10ʼSa gairm an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riu: Eisdibh, agus tuigibh.
11Cha n-e an rud a theid a stigh air a bhial a shalaicheas an duine: ach se an rud a thig a mach as a bhial a shalaicheas an duine.
12An sin thainig a dheisciopuil, us thuirt iad ris: Am beil fios agad guna ghabh na Phairisich sgainneal le cluinntinn an fhacail ud?
13Ach esan a freagairt, thuirt e: A h-uile plannta nach do shuidhich mʼAthair a tha air neamh, spionar as a bhun e.
14Leigibh leo: is doill iad, agus cinn-iuil nan dall. ʼS ma ni dall ceann-iuil do dhall, tuitidh iad le cheile san t-slochd.
15Us Peadar a freagairt, thuirt e ris: Minich dhuinn an dubhfhacal so.
16Ach thuirt esan: A bheil sibhse fhathast gun tuigse?
17Nach eil sibh a tuigsinn, gum beil h-uile ni, a tha dol a stigh air a bhial, a dol sios doʼn bhroinn, ʼs air a thilgeadh a mach air an dun?
18Ach na nichean a tha tighinn a mach as a bhial, ʼsann bhoʼn chridhe tha iad a tighinn, agus ʼsiad sin a tha salachadh an duine.
19Oir ʼsann as a chridhe thig droch smaointean, murt, adhaltras, striopachas, goid, fianuis-bhreige, blaisbheum.
20ʼSiad so na nichean a shalaicheas an duine. Ach cha shalaich e an duine a bhith g-icheadh le lamhan gun an ionnlad.
21Us thriall Iosa á sin, us thainig e gu criochan Thiruis agus Shidoin.
22Us, seall, thainig ban-Chanàanach a mach as na criochan sin, agus ghlaodh i, a g-radh ris: Gabh truas rium, a Thighearna, a mhic Dhài: tha mo nighean air a cradh gu goirt le deomhan.
23Ach cha tug e facal freagairt dhi. ʼSa dheisciopuil a tighinn ga ionnsuidh, ghuidh iad air, a g-radh: Leig air falbh i, oir tha i g-eigheach ʼnar deigh.
24Ach thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha do chuireadh mise ach a dhʼionnsuidh nan caorach a chailleadh de thigh Israil.
25Ach thainig ise, ʼs thug i aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, dian mo chomhnadh.
26Thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha n-eil e math breith air aran na cloinne, ʼsa thilgeadh thun nan con.
27Ach thuirt ise: Tha, a Thighearna: oir tha na cuileinean a g-ithe nan criomag a thuiteas bho bhord am maighistirean.
28An sin fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: O bhean, is mor do chreideamh: biodh e dhut mar is aill leat. Us bhoʼn uair sin bhaʼn nighean aice air a leigheas.
29Agus nuair a thriall Iosa as a sin, thainig e lamh ri muir Ghalile, ʼsa direadh beinne, shuidh e an sin.
30Us thainig moran sluaigh ga ionnsuidh, a toirt leo nam balbhan, nan dall, nam bacach, nan ciorramach, us morain eile; agus thilg iad aig a chasan iad, agus leighis e iad.
31Air chor ʼs guna ghabh an sluagh iongantas a faicinn nam balbhan a labhairt, nam bacach a g-imeachd, nan dall a faicinn; agus thug iad gloir do Dhia Israil.
32Ach Iosa a gairm a dheisciopul ri cheile, thuirt e: Tha truas agam ris an t-sluagh, a chionn ʼs gun dʼfhan iad a nis tri latha comhla rium, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad: agus cha mhath leam an leigeil air falbh ʼnan trasgadh, eagal gum fannaich iad air an rathad.
33Us thuirt a dheisciopuil ris: Co as ma ta a gheobh sinn cho liuthad builionn san fhasach, ʼs gun riaraich sinn cuideachda cho mor?
34Agus thuirt Iosa riu: Co miad builionn a thʼagaibh? Agus thuirt iad: Seachd, agus beagan de dhʼiasg meanbh.
35Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an làr.
36ʼSa glacail nan seachd builionnan ʼs an éisg, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh.
37Us dhʼith iad uile, agus shasuicheadh iad. Agus thog iad dheʼn phronnaig, a chaidh fhagail, seachd cleibh lan.
38Agus bʼiad, an fheadhainn a dhʼith, ceithir mile fear, a bharr air cloinn agus mnathan.
39ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e stigh do bhàta, agus thainig e gu criochan Mhagedain.

Արդեն Ընտրված.

N. Matu 15: MacETN

Ընդգծել

Կիսվել

Պատճենել

None

Ցանկանու՞մ եք պահպանել ձեր նշումները ձեր բոլոր սարքերում: Գրանցվեք կամ մուտք գործեք