Sailm 35
35
1Tagair a Dhia re luchd mo ſtríbh;
cuir troid ar luchd mo chath.
2Glac fein do thargaid, is do ſgiàth,
éirigh', déan congnamh maith.
3Glac fós do ſhleadh, 's ar luchd mo thóir
an bealach druid gu teann:
Re manam abair fèin mar ſo,
is me do chongnamh ann.
4Trom nàir' is maſladh gu raibh dhóibh,
tà 'giarraidh manam bochd:
Is pilleadh ſiad le hamhluadh gèur,
ta ſmuintiúg hadh chugam lochd.
5Biodh iad mar mhuillnen dol le gaoith:
biodh aingeal Dè na ntóir
6Biodh aingéal Dè ga nrith gu teann,
dorch ſleamhuin biodh an ròd.
7Oir goiſte dfoligh ſiad ſan dìg
gan ádhbar no cionfáth;
Sin chlaoichadar gan chúis ar bith,
chum manam chur an ſas.
8Gun fhios, gu dtigeadh dóghruinn air,
is glacfar è ſan líon
Dfoligh ſè fèin: 'ſan ſgrioſadh chèudn'
grad thuitadh é gu dian.
9Ni manam gàirdeachas an Dia:
'ſna fhurtachd ſólas mór.
10Is deir mo chnámhan uil', a Dhè,
cia choimeas riots' is còir;
Ni teaſairgin don duine bhochd
on neach ta air ro thrèun,
An tainnis is an bocht on tì
ler báill a chlaoidh gu léir?
11Luchd fiaghnais bhrèig a dèirigh riom:
is chuir ſiad as mo leth
Na neithe ſin gu hègcorach
nach bfioſrach me a mbeith.
12Olc dhíol ſiad riom an èric maith,
chum manam chur fuidh leòn.
13Ach miſ', ar bheth dhoibh ſud gu tinn,
ghabh umam culaidh bhròin:
Manam le troſgadh dùmhligh me,
ſphill m'urnuigh' ann mo chrios.
14Mar charaid, bràt hair, no fear-caoi màt har,
gu brònach crom ghluais mis.
15Ac it chruinnig headar, is bhìd gu hait,
ar bheth dhamh ann an teinn:
Gun fhios damh, chruinnigh praſcan gránnd,
gun támh mo réubadh rinn.
16Le cealgoiraibh gu fanoideach
na mfèiſt' rinn' ſpórſa dhíom,
Do chaſadar a mfìacla riom,
ſíor mhagadh orm gu dian.
17Cia fhad' is lèir dhuit ſo, a Dhè?
ſaor manam fèin gu cas
O a milleadhſan; mo ſheircin fòs,
a Dhia ar leomhnuibh ſeas.
18Lán-bhuidheachas do bheiram dhuit
a meaſg an tionoil mhòir:
Is meaſg an tſluaigh tra 'ſlíonmhur iad
ardmholfam thú le glòir.
19Mo naimhde tá gun ádhbhar riom
nior raibh ac' aoibhnas dhíom:
'San dream do thug dhamh fuath gan chùis,
doibh caogadh ſùl na bìom.
20Oir ar an tſith ni hiomraig hann ſiad:
acht cumadh aſinnleachd
Do dhaoinaibh ſámhach ciuin na tìr'
ga mbuaidhreadh le haniochd.
21Gu farſing dfoſglaid riom a mbéal,
ha, ha, a deir ſiad chean',
Do chì anois ar ſùil an nì
budh mhiannach linn, 's bu ghean.
22Acht chonnairc thuſa ſo a Dhia,
na bìós ad thoſt am fhèm:
A Thighearn' is a Dhia na mfeart,
na fuirigh uam a ngcéin.
23Tog ort, is moſgail chum mo cheart,
fam chùis, mo Dhia 's mo rígh.
24Dhia, dèan a rèir do cheartais breith,
is dhóibh nior b'aoibhnas mi.
25Na ngcroidh' na habradh ſiad riu féin,
aha, ſé ſud ar miann:
Is fòs na habradh ſiad a chaoidhch',
do ſhluig ſinn è gu dian.
26Biodh orra náir', is táirnear iad
gu hamhluadh mòr le chéil',
Atá gu ſuilbhir; is gu hait
re faicſin m'amhghair ghèir:
Is biodh ſiad ar an ſgedughadh
le maſladh is le náir',
Ta 'giarraidh urram mór dhoibh fèin
am aghaidh; àdhbhar gàir'.
27Biodh aoibhnas orr', is gáirdeachas,
ta ſeaſamh le mo chòir:
Is abradh ſiad do ghná gun cheilt',
gu raibh Jehobha mór,
Tá gabhail tlachd do ſhonas buan
a ſheirbhiſigh do ghná.
28Is air do cheartas thig mo bhéul,
is ar do chlù gach trá.
Trenutno odabrano:
Sailm 35: SD1694
Istaknuto
Podijeli
Kopiraj

Želiš li svoje istaknute stihove spremiti na sve svoje uređaje? Prijavi se ili registriraj
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.