Laoidhean 15
15
LAOIDH 15
Ecles. 9.4,5,6,10
1'Se nis an t‑àm bhi réidh ri Dia;
'S e nis an t‑àm thòirt géill do'n Triath;
Am feadh a mhaireas là nan gràs;
Feudaidh gach neach dol as o'n bhàs.
2'S i so an uair a sheachnadh truaigh',
'S a thabhairt nèimh a mach le buaidh;
So cothrom àigh, ta dian‑dhol seach,
Deanar deadh bhuil dheth leis gach neach.
3Is fios do'n bheò gu faigh e bàs
Air dìchuimhn' tha gach marbh an tràs:
An cuimhne dh'fhalbh, is dh'fhalbh an ainm,
Cha‑n aithnich'r iad, 's cha'n aithne dhoibh.
4Theirig an gràdh, is sguir am fuath,
'S tha'm farmad sìnte leo san uaigh;
Cha‑n eòl doibh ni sam bith fo'n ghréin;
An saothair sguir maraon riu féin.
5Dean dìchioll uime sin 'n a thràth,
Crioch a chur air saothair do làmh:
Oir saothair, seòl, no obair ghlic,
Cha deanar leat gu bràth fo 'n lic.
6San uaigh, do'm bheil sinn uile triall,
Maith'neas cha'n fhaigh, 's cha d'fhuaradh riamh;
Gun chaochla' bithidh cor gach neach
Gu àm d'a bhinne teachd a mach.
Sélection en cours:
Laoidhean 15: LSN1987
Surbrillance
Partager
Copier
Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017