Gnìomharan 20
20
1Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia.
2Agus air dha dol tro na crìochan sin, agus mòr-earalachadh a dhèanamh orra, thàinig e don Ghrèig;
3Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall-fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.
4Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.
5Air dhaibh seo imeachd romhainne dh’fheith iad rinn ann an Tròas.
6Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo-ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh-san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain.
7Agus air a’ chiad là den t‑seachdain, air do na deisciobail cruinneachadh an ceann a chèile a bhriseadh arain, shearmonaich Pòl dhaibh, agus a rùn air imeachd uapa air an là màireach, agus lean e air labhairt gu meadhon-oidhche.
8Agus bha mòran lòchran anns an t‑seòmar uachdarach, far an robh iad cruinn.
9Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e.
10Agus chaidh Pòl sìos, agus thuit e air, agus air dha a ghlacadh na uchd, thubhairt e, Na biodh trioblaid oirbh; oir tha a anam ann.
11Agus air dol suas dha a‑rìs, bhris e aran agus dh’ith e, agus labhair e riu rè ùine fhada, eadhon gu teachd na maidne, agus mar sin dh’fhalbh e.
12Agus thug iad leo an t‑òganach agus e beò, agus rinn iad gàirdeachas nach bu bheag.
13Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois.
14Agus nuair a choinnich e sinn aig Asos, ghabh sinn a‑steach e, agus thàinig sinn gu Mitilène.
15Agus air seòladh dhuinn as a sin, thàinig sinn air an là màireach fa chomhair Chiois; agus air an là na dhèidh sin thàinig sinn gu Samos, agus dh’fhan sinn aig Trogillium; agus air an là a b’fhaisge thàinig sinn gu Miletus.
16Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis.
17Agus chuir e fios o Mhiletus gu Ephesus, agus ghairm e da ionnsaigh seanairean na h‑eaglais.
18Agus nuair a thàinig iad da ionnsaigh, thubhairt e riu, Tha fhios agaibh cionnas a bha mi nur measg anns an uile aimsir, on chiad là a thàinig mi don Asia,
19A’ dèanamh seirbhis don Tighearna leis gach uile irioslachd inntinn, agus maille ri mòran dheur, agus dheuchainnean, a thachair dhomh le ceilg nan Iùdhach.
20Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh,
21A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.
22Agus a‑nis feuch, tha mi a’ dol gu Ierusalem ceangailte anns an spiorad, gun fhios agam ciod iad na nithean a thàrlas dhomh an sin;
23Ach a‑mhàin gu bheil an Spiorad Naomh a’ dèanamh fianais anns gach baile, ag ràdh gu bheil gèimhlean agus trioblaidean a’ feitheamh orm.
24Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.
25Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.
26Uime sin tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh air an là‑an‑diugh, gu bheil mise glan o fhuil nan uile.
27Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.
28Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.
29Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd-sa gun tig madaidhean-allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.
30Agus èiridh daoine dhibh fhèin, a labhras nithean fiara, a‑chum deisciobail a tharraing nan dèidh fhèin.
31Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir.
32Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.
33Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.
34Seadh, is aithne dhuibh fhèin gun do fhritheil na làmhan seo dom uireasbhaidh fhèin, agus don mhuinntir sin a bha maille rium.
35Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.
36Agus air dha na briathran seo a ràdh, leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh maille riu uile.
37Agus ghuil iad uile gu goirt, agus thuit iad air muineal Phòil, agus phòg iad e,
38Air dhaibh a bhith gu h‑àraidh brònach airson nam briathran seo a thubhairt e, nach faiceadh iad a ghnùis-san nas mò. Agus thug iad coimheadachd dha a‑chum na luinge.
Sélection en cours:
Gnìomharan 20: ABG1992
Surbrillance
Partager
Copier

Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017