Gnìomharan 16
16
1An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:
2A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium.
3Bha toil aig Pòl am fear seo a dhol a‑mach maille ris; agus ghabh e agus thimcheall-gheàrr e e, airson nan Iùdhach a bha anns na h‑àitean sin: oir bha fhios aca uile gum bu Ghreugach athair.
4Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem.
5Agus mar sin bha na h‑eaglaisean air an daingneachadh anns a’ chreideamh, agus mheudaicheadh iad gach là ann an àireamh.
6A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,
7An dèidh dhaibh teachd gu Misia, dh’fheuch iad ri dol gu Bitinia: ach cha do leig an Spiorad leo.
8Agus air dhaibh gabhail seachad air Misia, chaidh iad sìos gu Tròas.
9Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.
10Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.
11Uime sin air dhuinn long a ghabhail o Thròas, thàinig sinn gu dìreach gu Samotràcia, agus air an là na dhèidh sin gu Neapolis;
12Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh.
13Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin.
14Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.
15Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.
16Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:
17Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.
18Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
19Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran;
20Agus air dhaibh an toirt a‑chum luchd-riaghlaidh a’ bhaile, thubhairt iad, Tha na daoine seo a’ buaireadh ar baile gu ro‑mhòr, air dhaibh a bhith nan Iùdhaich.
21Agus tha iad a’ teagasg ghnàthan nach eil ceadaichte dhuinne a ghabhail no a leantainn do bhrìgh gur Ròmanaich sinn.
22Agus dh’èirich an sluagh a dh’aon-fheachd nan aghaidh: agus reub na h‑uachdarain an aodach dhiubh, agus dh’àithn iad an sgiùrsadh le slatan.
23Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear-coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte;
24Neach air dha an àithne sin fhaotainn, a thilg iad don phrìosan a b’fhaide a‑staigh, agus a dhaingnich an casan anns a’ cheap.
25Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad.
26Agus gu h‑obann bha crith-thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca.
27Agus air do fhear-coimhead a’ phrìosain dùsgadh à cadal, agus air faicinn dorsan a’ phrìosain fosgailte, tharraing e a chlaidheamh, air tì e fhèin a mharbhadh, a’ saoilsinn gu robh na prìosanaich air teicheadh.
28Ach ghlaodh Pòl le guth àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam bith ort fhèin; oir tha sinn uile an seo.
29Agus air gairm solais dhàsan, leum e a‑steach, agus thàinig e air chrith, agus thuit e sìos an làthair Phòil agus Shilais;
30Agus air dha an toirt a‑mach, thubhairt e, A mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhèanamh a‑chum gun tèarnar mi?
31Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh.
32Agus labhair iad facal an Tighearna ris, agus riùsan a bha na thaigh.
33Agus air dha an toirt leis air an uair sin fhèin den oidhche, nigh e an creuchdan; agus bhaisteadh e fhèin, agus a mhuinntir uile, gun dàil.
34Agus nuair a thug e da thaigh iad, chuir e bòrd romhpa, agus rinn e gàirdeachas maille ra theaghlach uile, a’ creidsinn ann an Dia.
35Agus air teachd don là, chuir an luchd-riaghlaidh na maoir uapa, ag ràdh, Leig air an comas na daoine sin.
36Agus dh’innis fear-coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth.
37Ach thubhairt Pòl riu, an dèidh dhaibh ar sgiùrsadh gu follaiseach gun ar dìteadh, agus gur Ròmanaich sinn, thilg iad am prìosan sinn; agus a‑nis am b’àill leo ar cur a‑mach an uaigneas? Chan eadh gu deimhinn; ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iad a‑mach sinn.
38Agus dh’innis na maoir na briathran sin do na h‑uachdarain: agus ghabh iad eagal nuair a chuala iad gum bu Ròmanaich iad.
39Agus thàinig iad agus chuir iad impidh orra, agus air dhaibh an toirt a‑mach, ghuidh iad orra imeachd a‑mach as a’ bhaile.
40Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa.
Sélection en cours:
Gnìomharan 16: ABG1992
Surbrillance
Partager
Copier

Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017